Taic £75,000 ga mholadh 'son taigh-croite

Taigh-croite
Image caption Tha an Caidreachas ag ràdh gum bu chòir do chroitearan ann an cuid de sgìrean de Thìr Mòr an aon taic fhaighinn 's a gheibh Eileanaich.

Mhol Caidreachas Croitearachd na h-Alba gun àrdaichear an taic-airgid a tha croitearan a' faighinn fo Sgeama Taic nan Taighean-Croite gu £75,000.

Bhiodh sin fada nas àirde na an £28,000 a tha Riaghaltas na h-Alba a' moladh.

Tha co-comhairleachadh air na bu chòir tachairt leis an sgeama a-nis air dùnadh, agus dùil ri co-dhùnadh bhon Riaghaltas sna seachdainnean a tha romhainn.

Am measg nam buidhnean a mhol gun deadh an granta a chur an-àirde, bha Comhairle nan Eilean Siar, a thuirt gum bu chòir àrdachadh gu £50,000.

Granta agus Iasad

Tha Caidreachas na Croitearachd ag ràdh gu bheil iadsan ag iarraidh gum bi e nas àirde na sin, ri linn 's gur e sin an t-seòrsa luach a bh' anns a' ghranta uaireigin, ma bheirear a-steach ìre an rèidh agus cosgaisean togail.

Chaidh crathadh a thoirt air an sgeama o chionn còrr air deich bliadhna.

Chaidh cur às don iasad a b' àbhaist daoine a bhith a' faighinn, agus chaidh an granta a lùghdachadh gu dìreach £22,000 aig a' char as motha.

Tha an Caidreachas ag ràdh ge-tà, nach eil sin faisg air gu leòr, gu h-àraid do chroitearan òga anns na sgìrean eileanach, aig nach eil, gu math tric, ach tuarastail bheaga, ach a dh'fheumas pàigheadh airson chosgaisean togail a tha gu math mòr.

Thuirt iad, ma tha an sgeama dha-rìribh gu bhith a' coinneachadh nan amasan, gum feum an t-airgead a bhith air àrdachadh gu mòr.

Tha iad a' moladh gum bi an £75,000 a dh'iarradh iadsan, air a roinn eadar grant agus iasad - mar a b' àbhaist a bhith ann bho thùs.

Dheadh an granta a chur aig £30,000, le iasad de £45,000, agus ìre rèidh an iasaid air a stèidheachadh aig ìre gu math fàbharach.

Tha iad ag ràdh, nan tachradh seo, gun toireadh e brosnachadh mòr do theaghlaichean agus croitearan òga dachaigh a thogail air croit.

Tha an Caidreachas cuideachd draghail mu phlanaichean an Riaghaltais an sgeama a roinn na dhà leth - le ìre nas àirde de thaic do chroitearan sna h-Eileanan, agus nas ìsle do chroitearan air Tìr Mòr.

Ach tha an Caidreachas ag ràdh nach eil ciall sam bith ann a bhith a' samhlachadh sgìrean an iar-thuath na Gàidhealtachd mar eisimpleir, ri baile Inbhir Nis, agus gu bheil na h-aon duilgheadasan aig croitearan aig tuath air Tìr Mòr 's a th' aig na h-Eileanaich ann a bhith a' faighinn stuthan togail a-steach.

Tha iad airson gum bi croitearan sna sgìrean sin de Thìr Mòr a' faighinn na h-aon ìre de thaic 's a tha croitearan Eileanach.