Fear-coiseachd a dhìth

Kyle Knox Image copyright Police Scotland
Image caption Cha do nochd Kyle Knox aig an àite-fuirich aige.

Chaidh fios a chur gu bheil fear-coiseachd a bha a' dol a dhìreadh Beinn Nibheis a dhìth.

Cha deach Kyle Knox, 23, à Lunnainn, air ais chun àite-fuirich aige anns a' Ghearasdan Dimàirt.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh mu 10:00m Diluain ann an Gleann Nibheis.

Tha iomairt a' dol a-nis gus Mgr Knox a lorg.

Tha e 5' 10" de dh'àirde, caol le falt dorcha.

Bha briogais dhorcha agus seachaid le pàtran dearg air.

Tha heileacoptair Sea King an sàs anns an iomairt gus a lorg.