Gearainnean mu chlàr-ama bathair Leòdhais

MV Loch Seaforth
Image caption Tha dragh air luchd-bathair nach ruig bathair leithid biadh, bainne agus stuthan meadaigeach an t-eilean gu feasgar, seach mar a bha.

Tha companaidhean-bathair ann an Leòdhas a' gearain mun chlàr-ama ùr airson na seirbheis-aiseig bhathair eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Chaidh atharrachadh an t-seachdain seo ri linn gu bheil an Loch Seaforth a' gabhail na seirbheis os làimh.

A rèir nan companaidhean, tha an clàr-ama ùr a' fàgail nach eil mòran de bhathair a' ruighinn Steòrnabhaigh gu feasgar, an àite tràth sa mhadainn.

B' àbhaist gum biodh bàta-bathair a bhith a' fàgail Steòrnabhaigh aig 11:15f, agus a' tilleadh à Ulapul aig 04:30m.

Ruigeadh i Leòdhas mu 08:00m gach madainn.

Ach ri linn atharrachaidh ann an clàr-ama na seirbheis an t-seachdain seo, bidh i a-nis a' fàgail Steòrnabhaigh aig 10:00f, 's a' tilleadh aig 02:30m.

Tha sin a' fàgail gun caill grunn làraidhean bathair an aiseag.

Cha nochd bathair leithid biadh, bainne agus stuthan meadaigeach ann an Cala Steòrnabhaigh gu 1:00f.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun deach an clàr-ama ùr a dhealbhachadh ann an co-bhanntachd le Còmhdhail na h-Alba airson seirbheis bathair, agus dà sheirbheis luchd-siubhail san là a choileanadh.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba, ged a bha iad ag obair còmhla ri Caledonian Mac a' Bhriuthainn air a' chlàr-ama ùr, gur ann an urra ri Cal Mac a bha mar a thèid a stèidheachadh.