Cùmhnant sa Chaol Arcach a' dol gu companaidh dìon

Crann AR1500 Image copyright Atlantis
Image caption Thèid ceithir crainn a chur an sàs ann an grunnd na mara anns a' chiad phàirt de phròiseict MeyGen.

Chuir a' chompanaidh a th' air cùl an sgeama MeyGen, an ainm ri aonta le Lockheed Martin, a thogas nan cruthadairean dhaibh.

Aithnichear Lockheed Martin 's dòcha nas fheàrr mar chùmhnantaichean dìon, 's iad ag obair air pròiseactan mòra leithid Trident agus urchairean niuclasach.

An turas seo, bidh iad ag obair còmhla ri Atlantis, gus ceithir cruthadairean mòra a thogail, a thèid a stèidheachadh fon mhuir sa Chaol Arcach.

Aig a' cheann-thall, tha Atlantis an dòchas 269 crainn a chur air grunnd na mara.

Bidh sgiathan nan cruthadairean 18 meataran de dh'fhaid, agus cruthaichidh iad mu 1.5 Megawatt de dhealan an urra.

Bidh iad comasach air gluasad suas is sìos, gus a' bhuannachd as fheàrr a thoirt à sruth na mara.

Tha obair bun-structair air an son a' dol air adhart mar thà, le tuill mhòra gan dèanamh ann an grunnd na mara, a ghabhas na càballan airson an dealan a thoirt gu tìr.

Thèid a chur ris a' Ghriod Nàiseanta aig Ness of Quoys, faisg air Bàgh Gills.

Tha dùil aig Atlantis an sgeama a chur gu dol an ath-bhliadhna.