Prìosan do dh'fhear chrois-bhogha

Chaidh fear à Caol Loch Aillse a chur dhan phrìosan airson 28 mìosan às dèidh dha a bhith air a dhiteadh air grunn chasaidean, nam measg a bhith ann an àite poblach le buill-airm.

Chaidh Iain Baillie, a tha 38, a chur an grèim sa bhaile às dèidh iomairt le poilis armaichte san Fhaoilleach.

Bha machete agus crois-bhogha aige.

Ghèill e fhèin ris na Poilis às dèidh grunn uairean de thìde.

Chaidh a dhìteadh aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis.