Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Litrichean a' Phrionnsa Theàrlaich

Cho-dhùin a' Phrìomh Chùirt gum bu chòir cothrom a bhith aig a' mhòr-shluagh 27 litir a sgrìobh am Prionnsa Teàrlach gu roinnean riaghaltais fhaicinn. Chuir Àrd-Neach-Tagraidh an Riaghaltais casg air a bhith gam foillseachadh ann an 2012. Ach tha a' Chùirt air co-dhùnadh gun robh e ceàrr sin a dhèanamh.

Obraichean Ola

Dh'innis Shell gun geàrr iad 250 cosnadh co-cheangailte ri an obair anns a' Chuan a Tuath. Tha iad a' dol a dh'atharrachadh phàtrannan-obrach cuideachd. Dh'innis iad anns an Lùnastal gun cailleadh 250 duine eile an cosnadh. Tha a' chompanaidh a' feuchainn ri cosgaisean a ghearradh agus prìs na h-ola ìosal.

Cuideachd tha a' chompanaidh ola Taqa air innse gum i iadsan a' gearradh 100 cosnadh ri linn duilgheadasan anns a' Chuan a Tuath. Thuirt iad gu bheil iad a' bruidhinn ris an luchd-obrach aca mun chùis.

Gàradh Àranais

Tha 16 duine air an obair a chall aig Gàradh Àranais ann an Steòrnabhagh. Tha cùmhnant a bh' aca air tighinn gu ceann gun sgeul air obair eile san aithghearrachd. Tha 23 duine fhathast ag obair anns a' ghàradh, ach mun àm seo an-uiridh bha timcheall air 100 duine ann. Tha BiFab a tha os cionn Àranais an-dràsta, agus aonadh an GMB a' bruidhinn mun t-suidheachadh.

Tubaist Plèana

Tha luchd-sgrùdaidh tubaist-adhair Germanwings fo ìmpidh bruidhinn mu aithrisean gun deach fear de na pìleatan a ghlasadh a-mach às a' chockpit. Nochd seo anns an New York Times, agus cuideachd bhon bhuidhinn naidheachd AFP. Ach tha eòlaichean air teagamhan a thogail mu dhèidhinn. Gheibh pìleat air ais a-steach dhan chockpit le a bhith a' cleachdadh còd mura cuir an neach a tha na bhroinn stad orra.

Ionnsaigh Ghunna

Tha duine a' faighinn cùraim san ospadal is dùil gun deach losgadh air le gunna an ceann a tuath Ghlaschu. Chaidh an duine a lorg air a leòn ann an sgìre Pharkhouse mu 7:10f an-raoir. Thuirt na Poilis gu bheil an sgrùdadh aca a' leantainn.

Foghlam Gàidhlig

Bidh dleastanas laghail aig comhairlean air feadh Alba sùil mhionaideach a thoirt air iarrtasan bho phàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha e sa Bhile Foghlaim ùr a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba. Ach chan eil iad ag ràdh gum feum comhairlean foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thoirt seachad, agus tha sin na bhriseadh dùil do luchd-iomairt.