Dàrna bùth mhòr am Port Rìgh

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead don dàrna bùth mhòir ùir air iomall Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Thug a' chomataidh cead don bhuidhinn Oatridge, ged a bha oifigearan dealbhachaidh na Comhairle a' moladh gun cead a thoirt seachad.

Thug iad cead leasachaidh san t-Samhain an-uiridh do bhuidhinn eile, Rubicon.

Thuirt comhairlichean gun toir seo tuilleadh roghainn do mhuinntir na sgìre.