Luchd-obrach taigh-staile gan sireadh

Tha Taigh-staile na Hearadh a' sireadh luchd-obrach ràitheil làn-uine no pàirt-uine anns an taigh-staile ùr anns na mìosan ri teachd.
Tha seo fhad 's a tha iad trang ag ullachadh airson an taigh-staile fhosgladh air an t-Samhradh seo.
"'S e obair tron t-Samhradh a th' ann an-dràsta," thuirt manaidsear an taigh-staile, Coinneach MacIlleathainn.
"Tha suas ri dusan againn air tòiseachadh mar thà làn-ùine fad na bliadhna.
"Ach 's e seo dìreach daoine a bhios a' cuideachadh tron t-Samhradh anns a' bhùth agus anns a' chafeteria agus air na tursan a' dol timcheall le daoine a tha a' tighinn a chèilidh oirnn - agus tha sinn an dùil gum bi tòrr a' tighinn a chèilidh oirnn air an t-Samhradh seo gu h-àraid.
"Tha sinn a' bruidhinn air seachdnar no ochdnar làn-ùine fad an t-Samhraidh.
"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn daoine a tha eòlach air an àite, na h-Eileanan anns an fharsainneachd - na Hearadh gu sònraichte - 's chan e a-mhàin mu dheidhinn an taigh-staile. Bidh sin san obair cuideachd, ach gheibh iad trèanadh le sin.
"Tha mi a' smaoineachadh 's dòcha gu bheil beagan eagail air daoine a dhol a-steach airson na h-obrach seo air sàilleabh cion-fiosrachaidh mu dheidhinn an uisge-bheatha.
"Ach thig sin thuca, agus bidh sinne gan cuideachadh," thuirt e.
Tha dùil aig Mgr MacIlleathainn gum bi an taigh-staile fhèin a' fosgladh an ceann mu mhìos gu leth.