"Cuir às do Thalamh Fiadhaich"

Fearann
Image caption Mhol Mgr Gibson "Clearances Country" mar ainm air na sgìrean falamha, seach "Talamh Fiadhaich".

Dh'iarr BPA on Ghàidhealtachd gun tèid cur às do dh'inbhe "Talamh Fiadhaich" is e den bheachd gur dòcha gu bheil e a' cur bacadh air daoine a tha 'son fuireach ann.

Tha Rob Gibson ag ràdh gun robh uair na ceudan de dhaoine a' fuireach ann an cuid de na sgìrean a tha air an comharradh mar thalamh fiadhaich, mus deach am fuadachd.

Sheall mapa a dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) an-uiridh gu bheil cha-mhòr 20% de dh'Alba a-nise air a comharrachadh mar "thalamh fiadhaich".

Tha an t-inbhe ann gus an talamh sin a dhìon.

Thuirt Mgr Gibson gu bheil luchd-glèidhteachais a' cur maill air ath-bheòthachadh choimhearsnachdan a chaill an sluagh.

Da rèir-san, bhiodh inbhe "Clearances Country" na bu fhreagairre na Talamh Fiadhaich.

Dh'iarr e gun tèid cur às do dh'inbhe Talamh Fiadhaich is gun tèid coimhead às ùr air poilesaidhean a thaobh sgìrean dùthchail.