Caibeanat an Riaghaltais ann an Inbhir Nis

Tha Caibeanat an Riaghaltais Albannaich gu bhith ann an Inbhir Nis Diluain far an coinnich iad ri gnìomhachasan agus buidhnean ionadail.

Tha an Caibeanat mar-thà air tadhal air Dùn Phris, Obar Dheathain agus Alloa.

Bidh cothrom aig a' mhòr-shluagh ceistean a chuir air a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, agus ministearan eile aig seisean ceistean ann an talla-ciùil an Ironworks feasgar Diluain.

Bidh coinneamh eile ann cuideachd far am bi òigridh eadar 11 agus 18 bliadhna a dh'aois a' bruidhinn air foghlam.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile