Sùlairean Shùlasgeir nas lìonmhoire

Sùlaire Image copyright BBC/John Downer Productions/Michael W. Richards
Image caption Chaidh àireamh nan sùlairean aig Sùlasgeir, tuath air Nis, suas 21.5% eadar 2004 agus 2013.

Chaidh àireamh nan sùlairean aig Sùlasgeir suas 21.5% eadar 2004 agus 2013, a rèir sgrùdaidh a dh'iarr Dualchas Nàdair na h-Alba air àireamh nan eun an iar-thuath na h-Alba.

Tha àrdachadh an sin de 2.2% anns a' bhliadhna.

Bha àireamhan a' tuiteam 1.2% gach bliadhna anns an deich bliadhna ro 2004.

'S e Sùlasgeir an aon àite am Breatainn far a bheil eòin mhara fhathast gan sealg.

Guga

Tha cead aig muinntir Nis 2,000 guga - sùlaire òg a thèid a ghlacadh mus bi e air chomas sgèith - a mharbhadh gach bliadhna air an sgeir a tha faisg air Rònaigh agus tuath air Nis.

Tha eòlaichean a' cumail a-mach gu bheil an àireamh sin a' fàgail na colonaidh seasmhach.

Sule Skerry

Sheall an rannsachadh cuideachd gun robh àireamhan ag èirigh 47% anns a' bhliadhna ann an Sule Skerry, a tha siar air Arcaibh.

Chaidh àireamhan suas 7.5% anns a' bhliadhna anns na h-Eileanan Flannach.

Cha tàinig mòran atharrachaidh air cùisean ann an Hiort, far a bheil an dàrna colonaidh as motha anns an t-saoghal às dèidh Bass Rock ann an Lodainn an Ear, no air Sule Stack, a tha faisg air Sule Skerry.