Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àireamhan a' Chion-chosnaidh

Chaidh an àireamh a tha gun chosnadh an Alba suas mu 6,000 air na trì mìosan eadar an t-Samhain agus an Fhaoilleach gu 162,000. Tha sin ao-coltach ris an Rìoghachd Aonaichte air fad, far a bheil an àireamh aig an ìre as lugha ann am faisg air seachd bliadhna, sìos mu 102,000 gu 1.8 millean.

Am Buidseat

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, nach bi dad an asgaidh bhuaithe, no cleasan eile airson bhòtaichean a ghlèidheadh, anns a' bhuidseat mu dheireadh an-diugh mus bi an taghadh coitcheann ann. Ach tha a dh'aindeoin sin dùil gum bi gearradh chìsean ann, agus faochadh gu ìre bho chuid de na gearraidhean agus cùmhnadh airgid.

Frankfurt

Chaidh còrr is 300 duine a chur an grèim, agus àimhreit ann am baile Frankfurt anns a' Ghearmailt, far an do chruinnich luchd-iomairt an aghaidh calpachais aig prìomh oifisean Bhanca na h-Eòrpa. Chaidh carbadan poilis a chur nan teine, agus ionnsaighean a thoirt air oifigearan poilis agus luchd-smàlaidh.

Israel

Tha Benjamin Netanyahu ag ullachadh airson a cheathramh ùine na Phrìomhaire ann an Israel. Ged nach robh na cunntasan-bheachd na fhàbhar, 's e am pàrtadh Likud aige a shoirbhich ann an taghadh na Pàrlamaid an-dè. Nì e co-bhanntachd a-niste le pàrtaidhean beaga na làimhe-deise.

Salcraig

Tha poilis sna Crìochan a' rannsachadh tachartais ann an Salcraig an-raoir, far an deach boireannach a dhroch losgadh. Chaidh a toirt gu Ospadal nan Crìochan. Dhùin na Poilis pàirt den phrìomh rathad an A7 airson ùine, fhad 's a bha iad a' rannsachadh na thachair.

Aiseag Uibhist

Tha buidheann ùr ann an Uibhist a Deas ag iarraidh aiseig a h-uile là eadar Loch Baghasdail agus Malaig. Chaidh buidheann luchd-cleachdaidh aiseagan Loch Baghasdail a stèidheachadh an-raoir, agus tha iad am beachd fianais a chruinneachadh air a' chron a tha iad ag ràdh a tha e a' dèanamh air eaconamaidh na sgìre nuair a tha droch shìde a' cur maill air seirbheisean aiseig.