Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd Chloinne

Tha aithrisean ann gun deach stad a chur sna 80an air oifigearan poilis a bha a' rannsachadh chasaidean gun robh am Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach, nach maireann, Cyril Smith, ri drabastachd chloinne. Dh'innis aon oifigear do phrògram Newsnight a' BhBC, gun deach maoidheadh orra gun dad a ràdh. Thuirt fear a bha na chomanndair air Scotland Yard aig aon àm, Roy Ramm, nach do thachair sin gun òrdan bho àrd-ìre phoileataigich.

Britheamhan

Chaill triùir bhritheamhan an dreuchd airson a bhith a' coimhead drabastachd air na coimpiutairean sna h-oifisean aca. Bhiodh an ceathramh britheamh air obair a chall mura b' e 's gun do dh'fhàg e fhèin a dhreuchd mus tàinig crìoch air an rannsachadh. Thuirt Àrd-Sheansalair an Lagha, agus Prìomh Mhorair a' Cheartais, nach robh dad den stuth mì-laghail, ach gun robh e gu tur mì-choltach de na britheamhan an leithid a dhèanamh.

Casaidean san NHS

Thuirt ceannard anns an NHS gu bheil siostam stèidhichte ann do dhaoine a tha airson casaidean a thogail an aghiadh bhòrd-slàinte ma tha iad den bheachd gun do dh'fhulaing no gun do chaochail euslainteach le cion-cùraim. Tha aon teaghlach a chaill an nighean a' gearain gu bheil e doirbh casaidean a thogail. Thuirt an t-Oll. Jason Leitch, aig Prògram Slàinte nan Euslainteach anns an NHS, nach e a bhith a' cur coire orra as fheàrr do luchd-obrach, ach a bhith a' toirt taic dhaibh.

Inbhe Inbhir Nis

Chuir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £100,000 ri iomairt Inbhir Nis airson inbhe shònraichte City Deal. Tha Glaschu agus bailtean mòra eile mar Mhanchester a' faighinn buannachd às an sgeama a tha a' tarraing luach nam milleanan not de thaic-airgid. Thuirt Roinn an Ionmhais gu bheil iad an dòchas aonta a dhèanamh le Inbhir Nis uaireigin am-bliadhna.

Camarathan an A9

Tha deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh air na camarathan astair air an A9 eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlathainn. Tha rannsachadh ag ràdh nach eil dràibhearan anns a' chumantas a' dol cho luath bho chaidh na camarathan a stèidheachadh anns na Damhair an-uiridh.

Taghadh Israel

Tha taghadh pàrlamaid ann an Israel an-diugh 's am Prìomhaire Benjamin Netanyahu ag amas air a cheathramh turas anns an dreuchd. Tha na cunntasan-bheachd ag ràdh gu bheil partaidh Likud a' Phrìomhaire air dheireadh air co-bhanntachd a tha a' taobhadh ris an làimh chlì.

Marina na Hearadh

Bidh buidhean coimhearsnachd a' coinneachadh an-diugh a dheasbad càite am faigh iad airgead airson marina a thogail. Chosgadh am pròiseact mu £1,300,000. Dh'fhaillich orra taic-airgid fhaighinn ron a seo bho Mhaoin Choimhearsnachdan nan Costaichean.