Rannsachadh aig Blàr Buidhe

Cùram
Image caption Anns an Dùbhlachd an-uiridh, dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad a' cumail sùil gheur air Blàr Buidhe.

Cha tèid luchd-còmhnaidh ùra a thoirt a-steach gu Blàr Buidhe, dachaigh-cùraim ann an Steòrnabhagh, san eadar-ama agus rannsachadh air tòiseachadh mu dhòighean-obrach.

Thòisich rannsachadh thar-bhuidheann aig an ionad, a tha ga ruith leis a' chompanaidh HC One, is draghan air nochdadh mu chlàran-bìdhe cuid a tha a' fuireach ann.

Thuirt Luchd-sgrùdaidh a' Chùraim gur e adhbhar dragh a tha seo agus gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh.

Anns an Dùbhlachd an-uiridh, dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gun robh iad a' cumail sùil gheur air Blàr Buidhe agus gearainnean air nochdadh mun chùram a fhuair boireannach a bha a' fuireach ann.

Bha aig an ionad an uair sin ri grunn mholaidhean airson an cuid obrach a leasachadh a chur an sàs ron Ghearan am-bliadhna.

"Feumaidh sinn gluasad gu luath air seo, ri linn ghnothaichan a chaidh a thogail roimhe, còmhla ris na draghan às ùr a tha seo, le bhith a' gabhail barrachd ghnothaich, gus dearbhadh a thoirt dhuinn fhèin agus do theaghlaichean nach eil cunnart aithghearr sam bith do dhuine den luchd-còmhnaidh," thuirt Àrd-Oifigeach na h-Obrach Sòisealta, Iain MacAmhlaigh.

"Tha sinn deimhinnte às gum bi na h-ìrean as àirde de chùram rim faodainn aig a h-uile dachaigh-chùraim sna h-Eileanan an Iar.

"Tha fios ga chur air teaghlaichean an luchd-còmhnaidh mu na tha ga dhèanamh an-dràsta."

Thuirt Buidheann-Sgrùdaidh a' Chùraim gur e "adhbhar dragh dha-rìribh" a th' ann.

Prògraman call-cuideim

Thuirt labhraiche bhon bhuidhinn: "Chaidh fios a chumail gu dlùth ri Buidhinn-Sgrùdaidh a' Chùraim, le co-obraichean aig an ùghdarras ionadail, agus tha sinn a' sìor chumail sùil air an t-suidheachadh.

"Tha còir aig gach duine an Alba air cùram sàbhailte, iochdmhor, a tha a' tighinn a rèir an cuid fheumalachdan, agus a' toirt spèis do an cuid chòirichean."

Thuirt labhraiche don dachaigh-chùraim: "Bho chionn dà sheachdain, chuir sinn fios air an Dietician, a dh'innse gun robh na h-uimhir de luchd-còmhnaidh air cuideam a chall. Bha cuid dhiubh sin air a bhith air prògraman oifigeil gus cuideam a chall.

"Far an robh luchd-còmhnaidh air cuideam a chall taobh a-muigh nam prògraman seo, bha planaichean an àite gus taic a thoirt dhaibh, agus bha cuid aca air cuideam a chur orra a-rithist mar thà.

"Tha e gu math cudromach dhuinne gun obraich sinn còmhla ris a' Chomhairle, agus ri Buidhinn-Sgrùdaidh a' Chùraim fad na h-ùine, agus anns a' chùis seo, tha sinn a' dèanamh sin, an dèidh dhuinn fios a chur air an Dietician.

"Tha sinn a' toirt prìomhachais thar gach rud eile, do shlàinte is falaineachd nan daoine a tha a' faighinn taic bhuainn, agus tha an dachaigh a' faighinn taic bhon sgioba stiùiridh roinneil againn, a chùm gum faigh gach neach-còmhnaidh an sàr-chùram air a bheil iad araidh.

"Bidh sinn ag obair gu math cruaidh gus an cùram as caoibhneile a ghabhas a thoirt seachad. Tha seo ri fhaicinn anns an aithisg as ùire a fhuair sinn bho Bhuidhinn-Stiùiridh a' Chùraim anns an Dùbhlachd, a fhuair gun robh an dachaigh air a meas math gu leòr, no math anns a h-uile roinn."