Airgead airson Inbhir Nis

Bheir Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte £100,000 seachad airson cuideachadh leis an oidhirp aig Inbhir Nis gus Aonta Baile Mòr fhaighinn.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad an dòchas an t-aonta a stèidheachadh ro dheireadh na bliadhna agus gum faodadh suas ri £300m a bhith air a chur a-steach do dh'eaconamaidh na sgìre.

Tha bailtean mar Ghlaschu, Manchester agus Sheffield air buannachd fhaighinn às an sgeama mu thràth.

Bidh ministearan a' toirt £100,000 do Chomhairle na Gàidhealtachd airson na h-iomairt aca a neartachadh.

Tha ionad spòrs sgìreil, taigh-tasgaidh agus ionad-ealain am measg nam pròiseictean a dh'fhaodadh maoineachadh fhaighinn bho Aonta Baile Mòr.

Thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre agus Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danaidh Alexander, gun toireadh Aonta Baile Mòr togail air leth do dh'eaconamaidh na sgìre.

Tha cuid de luchd-poileataics dùbhlanach air teagamhan a thogail mun àm a chaidh seo fhoillseachadh is iomairt taghaidh a' dol.