Beagan is 3/4 de chroitearan air census a lìonadh
- Air fhoillseachadh

Tha dleastanas laghail aig croitearan na foirmichean a chuireadh a-mach thuca a lìonadh agus a thilleadh chun a' choimisein.
Dh'innis Coimisean na Croitearachd gu bheil dìreach beagan agus trì chairteal de chroitearan air na bileagan census a chuireadh thuca a lìonadh agus a thilleadh dhan Choimisean.
Tha na bileagan air a bhith connspaideach, ged a tha e na dhleastanas laghail do chroitearan am fiosrachadh a thilleadh dhan Choimisean.
Thuirt an Coimisean gum biodh trì seachdainean aig càch gus na bileagan census a lìonadh agus a thilleadh, agus gum faodadh càin a dhol air croitear sam bith nach robh air an leithid a dhèanamh an uair sin.
Tha an census ag amas air fiosrachadh a thional mu na bhios croitearan a' dèanamh leis na croitean aca, agus leis an earrainn aca den chùl chinn.