300 duine aig coinneimh am Port Rìgh

Ospadal
Image caption Tha dragh air a' choimhearsnachd nach fhaigh daoine a th' ann an èiginn cùram sa cheann a tuath.

Bha mu 300 duine aig coinneimh phoblaich ann am Port Rìgh oidhche Ardaoin, agus iad mì-thoilichte mun atharrachadh a tha NHS na Gàidhealtachd a' toirt air seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Tha dragh orra gur e nas lugha de sheirbheisean a bhios aig Ospadal Phort Rìgh, le moladh 'son prìomh ospadal na sgìre a stèidheachadh san Ath Leathann.

"Aig an ìre seo, cha toir na planaichean a tha ann an àite piseach air seirbheisean, agus cha toir iad do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich na tha a dhìth orra," thuirt Cathraiche SOS NHS, Sarah Marshall.

"Feumaidh sinn stad a chur air a' chunnart gun caill daoine am beatha a tha an-dràsta ga chur air adhart a thaobh tubaist is èiginn," thuirt i.

Gairmean 999

'S e an t-seirbheis èiginn fear de na cuspairean as connspaidiche.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gur e am protogol fad iomadh bliadhna a dhol dhan Ath Leathann le euslaintich.

Fhuair na luchd-strì àireamhan fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, a tha a' sealltainn gur ann às a' cheann a tuath den eilean a tha a' chuid as motha (90%) de ghairmean 999 a' tighinn.

Tha iad a' cumail a-mach gum bi beatha dhaoine ann an cunnart ma chailleas an sgìre goireas èiginneach.

Thug Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, cead do NHS na Gàidhealtachd ospadal ùr a thogail anns an Ath Leathann airson an t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse a fhrithealadh, cho fad 's nach biodh droch bhuaidh air seirbheisean ann an sgìrean eile.

Tha an luchd-strì ag ràdh nach eil iad an aghaidh ospadal ùr a bhith san Ath Leathann, agus nach eil iad ag iarraidh gum bi sgaradh ann eadar dà cheann an eilein.

Ach tha iad ag iarraidh gun tèid sùil a thoirt às ùr air a' ghnothach air fad, gus nach caill an ceann a tuath seirbheisean a tha iadsan ag ràdh a tha riatanach.

Ged a chaidh an diùltadh thuige seo, tha an luchd-iomairt fhathast ag iarraidh air Rùnaire na Slàinte panal sgrùdaidh neo-eisimeileach a chur air chois.