Fèill air Caisteal Urchadain

Thadhail barrachd dhaoine air Caisteal Urchadain, a tha ri taobh Loch Nis, tron Gheamhradh seo na ann an geamhradh sam bith roimhe.

Tha Alba Aosmhor air figearan fhoillseachadh airson nan làraichean aca air feadh na dùthcha.

Thadhail àireamh mhòr cuideachd tron Gheamhradh air leithid Skara Brae ann an Arcaibh, agus Caisteal an Dùin ann an Siorrachd Shruighlea.

Uile gu lèir, bha faisg air 450,000 duine air tadhal air na deich prìomh làraichean aca eadar an t-Samhain an-uiridh 's an Gearran am-bliadnna.