Àrd-sgoil Ghàidhlig Lìonail?

Sgoil Lìonail
Image caption Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gu bheil a' Ghàidhlig làidir sa choimhearsnachd ann an Nis, agus gum biodh deagh adhbhar ann sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann.

Bu chòir coimhead ri àrd-sgoil Ghàidhlig a chruthachadh ann an Ceann a tuath Leòdhais mar fhreagairt air draghan na sgìre mu dhùnadh na h-àrd-sgoile ann an Lìonal.

Sin beachd Dhòmhnaill Iain Mhic a' Ghobhainn, a chaidh dhan sgoil ann an Lìonal, agus a tha an-diugh na thidsear ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

Tha esan ag ràdh gur e mearachd a bh' ann an co-dhùnadh na Comhairle.

Bhòt Comhairle nan Eilean Siar airson an àrd-sgoil dà bhliadhna mu dheireadh anns na h-Eileanan Siar a dhùnadh anns a' Ghearran.

Mar a tha cùisean an-dràsta, dùinidh an sgoil anns an Òg-Mhìos agus bidh aig a' chloinn ri timcheall air 50 mìle a shiubhail anns an là, air ais agus air adhart bho Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh.

Cus siubhail

Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gu bheil mòran siubhail ann an sin airson sgoilearan cho òg ri 11 is 12 bliadhna de dh'aois.

Thuirt e gum bi a' chlann air a' bhus airson dà uair de thìde gach là agus gun caill iad a-mach air rudan aig an taigh agus anns a' choimhearsnachd.

Bha e ag ràdh: "Bidh iad cho sgìth agus bidh buaidh mhòr air an fhoghlam aca".

Tha an t-ùghdarras iondail ag ràdh gu bheil e nas fheàrr dhan chloinn an sgoil a dhùnadh, gu h-àraid leis mar a tha àireamhan air tuiteam.

Àireamhan ag èirigh

Ach, bha Mgr Mac a' Ghobhainn ag ràdh gu bheil an sgoil-àraich làn agus gu bheil àireamhan ag èirigh.

A thaobh na Gàidhlig, bha e ag ràdh gu bheil an cànan air a bhith làidir ann an Nis, agus nam biodh ruideigin a' dol a thachairt le sgoil Ghàidhlig anns na h-eileanan, gum biodh deagh adhbharan ann a stèidheachadh ann an Lìonal.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gu bheil e an aghaidh Sgoil Lìonail gu bheil i fada air falbh bho choimhearsnachdan eile far am faodadh iarrtas a bhith ann airson foghlam Gàidhlig, leithid Ùig'.