Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seirbheisean Brathaidh

Tha Comataidh nan Seirbheisean Brathaidh is Tèarainteachd ann an Westminster a' foillseachadh aithisg an-diugh 's iad air a bhith a' rannsachadh chumhachd nan seirbheisean sin, agus mar a tha iad a' faire air mar a tha am mòr-shluagh a' conaltradh ri chèile. Thòisich an rannsachadh ann an 2013 an dèidh do dh'Eideard Snowden fiosrachadh a thoirt am follais mu dhòighean-obrach nan seirbheisean Breatannach agus Aimeireaganach.

Ebola

Tha nurs a bha ag obair ann an Sierra Leone, 's air an tàinig an galar Ebola air an t-slighe air ais a Bhreatainn. Chaidh plèana le Feachd an Adhair gu ruige Sierra Leone airson a toirt dhachaigh dhan Rìoghachd Aonaichte.

NHS na Gàidhealtachd

Feumaidh ceannardan NHS na Gàidhealtachd tilleadh a Phàrlamaid na h-Alba a fhreagairt cheistean mu stiùireadh an ionmhais. 'S e seo an treas uair a chaidh iarraidh air àrd-oifigich agus air Cathraiche a' Bhùird, Garry Coutts, a dhol mu choinneimh Comataidh nan Cunntasan Poblach ann an Dùn Èideann.

A' Ghàidhlig

Tha Oilthigh Ghlaschu a' dèanamh rannsachaidh an-dràsta do Bhòrd na Gàidhlig air an dòigh as fheàrr air a' Ghàidhlig ionnsachadh do dh'inbhich. Seo pàirt de ro-innleachd ùir a' Bhùird a tha stèidhichte air barrachd dhaoine a' bruidhinn na Gàidhlig sna coimhearsnachdan, agus gu sònraichte sna h-Eileanan, agus sgìrean eile far a bheil i fhathast aig earrainn den t-sluagh.

Aiseag a' Chorrain

Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd 2% ri cosgais nam faraidhean air Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar, ged a thuirt Comataidh nan Seirbhisean Coimhearsnachd air a' mhìos a chaidh nach biodh an còrr àrdachaidh ann airson trì bliadhna. Chan eil an t-àrdachadh cho mòr ge-tà, 's a bha buidheann-riaghlaidh na Comhairle ag iarraidh, agus iadsan a' moladh 4% mar dhòigh air an taic-airgid subsadaidh dhan t-seirbheis a ghearradh.

Tiriodh

Tòisichidh seirbeisean adhair ùra eadar Glaschu agus Tiriodh air an t-Samhradh an dèidh do Chomhairle Choimhearsnachd an eilein cuideam a chur air an Riaghaltas. Tòisichidh na seirbheisean ùra air 1mh an t-Iuchar. Tha Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh fhathast a' bruidhinn ri Riaghaltas na h-Alba mu sheirbheisean aiseig an eilein.