Fear a dhìth sna h-Eileanan
- Air fhoillseachadh

Chunnacas Mgr Rigby mu dheireadh aig a dhachaigh ann an Geòcrab sna Hearadh madainn Diluain.
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu fhear a tha a dhìth sna h-Eileanan Siar.
Chunnacas Anndra Rigby mu dheireadh aig a dhachaigh ann an Geòcrab sna Hearadh mu 07:00m Diluain.
Tha e 59, 5' 10" de dh'àirde, caol le falt donn, agus blas-cainnte Sasannach.
Chan eil fhios dè an t-aodach a bh' air nuair a chaidh fhaicinn mu dheireadh, ach tha fhios gu bheil e tric a' falbh le màileid throm.