Ath-sgrùdadh Chùil Lodair

Tòisichidh a' chiad ath-sgrùdadh mòr ann an 47 bliadhna air sgìre ghlèidhteachais Àrfhaich Chùil Lodair air a' mhìos seo.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd ri co-chomhairleachadh a dhèanamh leis an t-sluagh air planaichean ùra gus dìon a dhèanamh air an raon, a th' air iomall Inbhir Nis.

Bha buaireadh ann an-uiridh nuair a thug Riaghaltas na h-Alba cead do chompanaidh taighean a thogail mu mhìle air falbh bhon làraich.

B' e Cùil Lodair am blàr mu dheireadh a bha am Breatainn.

Air an 16mh den Ghiblean 1746, chaill am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart agus na Seumasaich am blàr ri feachdan an Riaghaltais.

'S ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha pàirt glè mhòr de raon a' bhlàir, ach tha pìosan dheth nach eil fo smachd a' charthannais.

Chaidh sgìre ghlèidhteachais a chomharrachadh an toiseach ann an 1968.

Tòisichidh co-chomhairleachadh an ùghdarrais ionadail, a mhaireas sia seachdainnean, air an 23mh den Mhàrt.