Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eucoir Air-loidhne

Chaidh còrr is 50 duine a chur an grèim air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus poilis a' rannsachadh eucoir air-loidhne. Tha iad sin fo amharas gun robh iad a' briseadh a-steach air siostaman coimpiutair agus a' sgaoileadh bathair-bog a nì cron air siostaman coimpiutair eile. Nam measg tha fear à Sutton Coldfield sna West Midlands a tha fo amharas gun tug e ionnsaigh air coimpiutair Roinn Dìon nan Stàitean Aonaichte.

An Loch Seaforth

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn nach e briseadh sìos a rinn am bàt-aiseig ùr an Loch Seaforth, ach gun deach co-dhùnadh gum biodh e na b' fheàrr gun seòladh leis gun robh fan briste ann an seòmar nan einnsean. Chaidh an Isle of Lewis a chur na h-àite eadar Steòrnabhagh agus Ulapul feasgar an-dè. Chan eil seirbheis idir an-diugh eadar Steòrnabhagh is Ulapul leis an droch shìde a tha a' toirt buaidh cuideachd air mòran eile de sheirbheisean Chal Mac.

Nimrud

Thuirt Ceannard UNESCO - meur cultaireil nan Dùthchannan Aonaichte - gur e eucoir cogaidh a th' anns na sgrios air an t-seann bhaile Assyrianach Nimrud. Chaidh am baile a stèidheachadh san 13mh linn Ro Chrìosda, agus tha iomradh air anns an t-Seann Tiomnadh. Tha oifigich Ioracach ag ràdh gun robh feachdan na Stàite Ioslamaich a' leagail agus a' briseadh ìomhaighean agus làraichean coisrigte.

Urras Steòrnabhaigh

Tha Urras Steòrnabhaigh air stiùiriche ùr fhastadh a bhios, am measg rudan eile, ag obair gu ruige leasachadh a' Ghearraidh Chruaidh agus planaichean eile na buidhne. Chaidh Anetta NicLeòid fhastadh le taic bho Stòras a' Chrannchuir Nàiseanta. Thuirt Murchadh Moireach, Cathraiche an Urrais, gum bi a h-eòlas air na h-Eileanan na chuideachadh mòr dhi gu ruige amasan an Urrais a choileanadh.

Rangers

Tha a h-uile coltas gun toir coinneamh luchd nan earrainnean aig Ibrox an-diugh atharrachadh bunaideach air stiùireadh Rangers. Tha dùil gum faigh am fear-gnothaich Dave King cuidhteas an dithis a th' air fhàgail air a' bhòrd-stiùiridh - Derek Llambias agus Barry Leach - aig a' choinneimh a tha dìreach air tòiseachadh aig 11:00m.