Earrainnean Ghabhsainn seachad air targaid
- Air fhoillseachadh

Tha sgeama ann an Leòdhas far a bheil cothrom aig daoine earrainnean a cheannach ann an sgeama chumhachd ath-nuadhachail air soirbheachadh gu mòr.
Bha Urras Oighreachd Ghabhsainn a' feuchainn ris na ceudan mhìltean notaichean a thogail airson dà chrann gaoithe ùr a mhaoineachadh.
Tha an Urras a-niste air a dhol thairis air an targaid a bh' aca.
"Chuir sinn romhainn fhìn an toiseach gun robh sinn a' coimhead ri £450,000 a thogail," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Tormod MacThòmais.
Dùnadh
"Tha sinn an dèidh a dhol seachad air sin, agus 's fhada bhon uair sin.
"Ach 's e an targaid a bha sinn an dèidh a chur 's e £600,000 - nam faigheadh sinn sin bhiodh sinn gu math dòigheil - agus mar a tha cùisean an dèidh a dhol tha sinn an dèidh a dhol seachad air sin cuideachd.
"Tha sinn a-niste agus £703,000 air a chruinneachadh thuige seo.
"Tha sinn a-nise an dèidh dùnadh nan earrainnean, 's chan fhaigh daoine air ceannach a' chòrr.
"Tha sinn a' dol air adhart a-nise le fèas 2 den phròiseact - 's e sin dà chrann-gaoithe eile a tha sinn a' dol a chur suas ri taobh an aonan a th' ann am Baile an Truiseil.
"Tha sinn a-nis an dèidh tòiseachadh air an rathad a tha a' dol chun a' chiad chrainn, a tha sinn a' dol a chur suas. Thòisich air sin an t-seachdain a chaidh.
"A' phrothaid a tha sinne a' dèanamh, 's ann a' dol air ais dhan choimhearsnachd a tha sin.
"Nise bheir e beagan ùine mus tachair e. Tha mi an dùil gum faic daoine sin a' tachairt an ceann 18 mìosan.
"Tha sinne a' dèanamh a-mach gur e mar a chunnaic daoine an t-adhartas a rinn sinn leis a' chiad chrann a chuir sinn suas, gu bheil e an dèidh a bhith ag obarachadh gu math, agus cuideachd gu bheil e an dèidh a bhith a' toirt airgid mhath a-steach.
"Mar sin dheth bha sinn a' smaoineachadh gun robh tarraing mhòr ann an sin dhan choimhearsnachd agus na daoine a bha a' cur a-steach an airgid ris," thuirt e.