
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dreuchdan teagaisg
5 Am Màrt 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig
Tha sgoil Ghaidhlig Ghaschu air sanasan a chur a-mach airson naoinear thidsearan anns an àrd-sgoil a-mhain.
Tha iad a' sireadh luchd-teagaisg airson eachdraidh, Beurla, bith-eòlas, Frangais, creideamh agus dràma.
Tha iad cuideachd a' lorg ceannard litearais, agus prìomh thidsear airson cùraim.
Ged a tha e na fhianais air soirbhreas na sgoile, tha e a' togail ceist mun àireimh de dhreuchdan bàna aig ìre àrd-sgoile sa Ghàidhlig.
Tha Catriona NicFhionnghain ag aithris.