Coinneamh mu sheirbheisean rèile mu thuath

Loidhne rèile
Image caption Tha Rhoda Ghrannd ag ràdh gu bheil cothrom ann, piseach a thoirt air seirbheisean rèile tuath agus siar air Inbhir Nis.

Coinnichidh riochdairean bhon chompanaidh rèile Abellio ris a' BhPA Làbarach Rhoda Ghrannd, agus dragh oirrese mu sheirbheisean rèile eadar Inbhir Nis agus Caol Loch Aillse, agus gu ruige Inbhir Theòrsa agus Inbhir Ùige.

'S e a' chompanaidh Dhuitseach a ghabhas thairis an cùmhnant rèile bho ScotRail air a' chiad là den ath-mhìos.

Tha iad mar thà air planaichean a mhìneachadh airson leasachadh a dhèanamh air stèisean rèile Inbhir Nis, ach cha do nochd iad aig coinneimh phoblaich an t-seachdain seo far an robhar a' bruidhinn mu sheirbheisean rèile tuath agus siar air Inbhir Nis.

Thuirt a' Bh.Ph. Ghrannd gur e cothrom a th' anns a' chùmhnant ùr piseach a thoirt air seirbheisean rèile mu thuath, far a bheil trèanaichean tric a' ruith air dheireadh, neo gan cur dheth buileach glan.

Coinnichidh i ri Abellio air an 11mh là den Mhàrt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile