Seusan ùr na h-iomain

Gleann Urchadain is Lòbhat Image copyright SNS
Image caption Bidh Gleann Urchadain is Lòbhat am measg na bhios ag amas air na duaisean mòra an 2015.

Tha structar ùr ann agus gearainean a' leantainn mu dheidhinn. Feumaidh mar sin gu bheil seusan ùr iomain gus tòiseachadh.

Fhuair na clubaichean mòra an toil agus 10 sgiobaidhean sa Phrìomh Lìog a-rithist, agus 's e an dùbhlan a bhios ann do naoi dhiubh Bail' Ùr an t-Slèibh a chur far an spiris.

Tha am Bail' Ùr ag amas air an tiotal a bhuannachadh 'son na siathamh bliadhna ann an sreath, agus ged a tha an sgioba gu cinnteach a' fàs nas sine, tha coltas orra gu bheil iad gu math fut agus gu bheil miann annta fhathast barrachd dhuaisean a bhuannachadh.

A bharrachd air a' bhunait làidir a tha air a bhith cho math dhaibh, bidh cuideachd Ruairidh Ceannadach air ais san sgioba is e slàn fallain a-rithist. Bha coltas math dha-rìribh air a' Cheannadach nuair a thàinig am Bail' Ùr a dh'Inbhis Nis ann an geama càirdeil ron t-seusan is tha na comasan aige spionnadh mòr a chur san sgioba.

"Mura faigh sinn co-dhiù dhà de na farpaisean mòra, bidh sinn air fàiligeadh", thuirt manaidsear a' Bhail' Ùir, Pòl Iain Mac an Tòisich.

"Targaid"

"S e Cupa na Camanachd an fharpais as motha a th' ann, 's e an targaid a th' ann daonnan. Bha sinn mì-fhortanach an-uiridh, fhuair sinn taghadh duilich, ach 's e an duais a tha sinn uile ag iarraidh", thuirt e.

Tha fios nach robh e na chomhfhurtachd dhan Bhail' Ùr nas motha an-uiridh gun deach Cupa na Camanachd air a' cheann thall dha na nàbaidhean aca an Ceann a' Ghiuthsaich.

Ged nach robh cus dòchais aca aig toiseach na bliadhna, chaidh aig Ceann a' Ghiuthsaich air measgachadh math a lorg eadar sean is òg is le Raghnal Ros a' tilleadh dhan sgioba, thog iad an cupa mòr 'son a' chiad turais bho 2006.

Cha bhi Raghnal air ais a-rithist - tha iad ag ràdh - is tha am manaidsear Russell Jones an dùil ri seusan doirbh.

"Bheir sinn cothrom do bharrachd de na balaich a bh' air iomall na sgioba an-uiridh", thuirt Russell.

"Adhartas"

Image copyright SNS
Image caption An urrainn do Cheann a' Ghiuthsaich Bail' Ùr an t-Slèibh a ghlacadh?

"Tha fios againn glè mhath dè an suidheachadh a th' againn, chan eil sinn cho làidir 's a bha sinn bho chionn 20 bliadhna ach tha sinn air gluasad air adhart san dà no trì bliadhna a chaidh seachad agus tha sinn toilichte leis an adhartas sin", thuirt e.

Chrìochnaich Lòbhat san dàrna àite san lìog an-uiridh, is thog iad Cupa MhicThàmhais 'son na dàrna bliadhna ann an sreath.

Thuit cùisean às a chèile san lìog ge-tà, às dèidh toiseach-tòiseachaidh ghlè làidir, is tha ceistean a bharrachd ann le Ailean MacRath a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear goirid ron seusan agus às dèidh dhaibh call 3-1 ris a' Mhanachainn ann an Cupa MhicShimidh.

Deuchainn

Cha deach na geamaichean càirdeal aca ro mhath agus 's e deuchainn a bhios ann dhan mhanaidsear ùr, Iain MacRisnidh, sealltainn gu bheil Lòbhat fhathast a' tighinn air adhart mar sgioba is nach eil iad air an t-slighe a chall beagan.

Shuas an rathad ri taobh Loch Nis tha deuchainn ro Ghleann Urchadain cuideachd.

Tha sgioba Druim na Drochaid air ceumanan mòra a ghabhail thar nam beagan bhliadhnaichean a chaidh is iad air an stèidheachadh fhèin mar thè de na prìomh sgiobaidhean.

Ged a bhuannaich iad Cupa MhicAmhlaidh an 2012 ge-tà, tha iad bhon uair sin air call gu dona sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais an 2013 is 2014 agus ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd fhèin an-uiridh.

A bheil balaich a' ghlinne comasach ceum eile a ghabhail is na duaisean mòra a chàrnadh? Tha, a rèir an co-mhanaidsear, Dàibhidh Menzies.

Togail

"Bha e doirbh dhuinn ar togail a-rithist às dèidh sin, briseadh dùil cho mòr às dèidh dhuinn obair mhòr a dhèanamh gus cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a ruighinn", thuirt Dàibhidh.

"Tha cluba làidir againn an seo ge-tà, sgioba làidir, is feumaidh sinn a-nise an-uiridh a chur air ar cùlaibh. Bidh sinn ag amas air na rinn sinn an-uiridh agus ceum eile a ghabhail", thuirt e.

'S e Caol Bhòid 's dòcha an aon sgioba eile aig am bi dòchas ceann a' mhaide a chumail ri Bail' Ùr an t-Slèibh san lìog.

Image copyright SNS
Image caption Chaill iad ann an dà chuairt dheireannach an-uiridh is bidh Gleann Urchadain ag amas air a dhol ceum nas fhaide am-bliadhna.

Theab sgioba Thaigh na Bruaich a' Phrìomh Lìog a bhuannachadh ann an 2011 ach ged a thog iad cupannan gu leòr bhon uair sin, cha do rinn iad cho math san lìog, rud a tha iad ag amas air a chur ceart.

"Tha sinn a' cur romhainn dèanamh nas fheàrr san lìog, rud a bha na bhristeadh dùil dhuinn bho chionn ghoirid, agus leantainn oirnn le soirbheachas anns na cupannan", thuirt rùnaire a' chluba, Mick Atkinson.

"Bidh sinn cuideachd ag amas air na cluicheadairean òga againn a leasachadh agus leis gu bheil cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an Earra-Ghàidheal am-bliadhna, tha adhbhar a bharrachd againn a bhith ag amas air", thuirt e.

Bòdaich is bodach

Tha Caol Bhòid air dithis de na Bòdaich aca a chall, Iain Dòmhnallach a' tilleadh dha sgioba an eilein is Leighton Reid a' falbh a shiubhail, ach tha iad an dùil is an dòchas gun cluich am Bodach aca fhèin, Coinneach Dòmhnallach, seusan eile eadar na puist ma bhios e fut gu leòr.

Gu cinnteach cha bhi duine 'son cluich nan aghaidh anns na cupannan.

Am measg nan sgiobaidhean eile, 's e an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a ghlèidheadh am prìomh amas 's dòcha.

Chrìochnaich Inbhir Aora san t-siathamh àite an-uiridh, is chaill iad ri Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

Àstrailia

Tha buille ann dhaibh is Peadar Mac an t-Saoir air falbh gu ruige Àstrailia, is bidh iad cuideachd às aonais Stiùbhairt Robasdain air sgàth dleastanais obrach.

Bheir iad cothrom do Fhriseal Watt òg, fear a choisinn cliù dha fhèin san dàrna sgioba an-uiridh.

"Tha sinn an dòchas gun gabh Friseal ceum suas agus gun seall e cho math 's a tha e", thuirt Dàibhidh Mac a' Phearsain às Inbhir Aora.

Image copyright SNS
Image caption Bidh Inbhir Aora ag amas air ceann a' mhaide a chumail ri Caol Bhòid aig deas.

"S e buidheann bheag a th' againn a-rithist is bidh e doirbh aig ammanan tron t-seusan tha mi a' creidsinn.

"Bidh sinn ag amas air fuireach sa Phrìomh Lìog agus a dhol cho fada 's is urrainn dhuinn anns na cupannan, tha sinn a' creidsinn gun urrainn dhuinn ceann a' mhaide a chumail ri sgioba sam bith", thuirt Dàibhidh, a bhios e fhèin a' call toiseach an t-seusain is e gus Marathon Bharcelona a ruith.

'S e fuireach an-àirde am prìomh amas a bhios aig Ceann Loch Seile cuideachd, tha fhios.

Làidir

Tòisichidh iad ann an suidheachadh nas làidire na bh' aca an-uiridh, is Cè MacRath is Gordy Dòmhnallach fut, is tha cuideachd leithid Zander Grannd air tilleadh dhan chluba.

Bha strì aig a' chluba fuireach sa Phrìomh Lìog gach bliadhna a thàinig iad an-àirde, is bidh iad riaraichte gu leòr ma tha iad fhathast aig an ìre as àirde nuair a thèid iad dhan phàirc ùir aca an ath-sheusan.

Tha leudachadh na lìge bho 8 gu 10 a' fàgail gu bheil Loch Abar a' faighinn cothrom eile air a' Phrìomh Lìog a dh'aindeoin is gun do chrìochnaich iad aig a' bhonn an-uiridh.

Eòlas

Tha Ally Fearghasdan air ais aig an stiùir, is leis an eòlas a th' aige bidh e ag amas air barrachd fhaighinn bho bhuidhinn de chluicheadairean a tha nas fheàrr, shaoileadh tu, na bha an suidheachadh san lìog a' sealltainn.

"Cha deach an-uiridh cho math 's a bha sinn an dùil, ach feumaidh sinn coimhead air adhart a-nise le dòchas", thuirt Fearghasdan.

"Tha measgachadh math againn an seo agus tha sinn comasach air fuireach sa Phrìomh Lìog agus oidhirp a dhèanamh air na cupannan cuideachd", thuirt e.

Tillidh an Gearasdan fhèin dhan Phrìomh Lìog ach dh'fhaodadh gur e strì a bhios air thoiseach orrasan cuideachd.

Leig Gary Innes fhaicinn às dèidh dhan chluba an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh an-uiridh nach biodh e a' cluich tuilleadh, is tha Chris Bamber is Neil Robasdan cuideachd air na camain aca a chur an dàrna taobh.

Image copyright SNS
Image caption Tha an Gearasdan a' tòiseachadh air linn ùr às aonais Ghary Innes.

Dh'aidich Innes fhèin gur e dùbhlan a bhios ann dhan sgioba òg a tha e a' fàgail, ach gun teagamh tha tàlant gu leòr aca is ma thèid aca air fuireach suas, bidh cothrom aca a dhol bho neart gu neart.

'S e Camanachd an Òbain an sgioba eile a tha a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog am-bliadhna.

Bha coltas math air an sgioba òg aca an-uiridh is le bliadhna shoirbheachail san Lìog Nàiseanta air an cùlaibh bidh iad misneachail gun dèan iad nas fheàrr na 2013, nuair a chaill iad àite aig an ìre as àirde.

Fàbharach

'S e seusan math a bhios ann dhaibh ma dh'fhuiricheas iad suas, is le taghadh meadhanach fàbharach bidh sùil aca cuideachd air a' Chupa Cheilteach a bhuannachadh 'son a' chiad turais bho 2005.

Taobh a-muigh na Prìomh Lìge tha coltas gur iad Cill Mhàillidh, A' Mhanachainn agus na Sgitheanaich a bhios a' farpais aig mullach na Lìge Nàiseanta.

Tha e coltach gu bheil Cill Mhàillidh a' faireachdainn gu bheil na diofar atharraichean ann an structaran nan lìogaichean thar nam bliadhnaichean air obrachadh nan aghaidh is bidh iad gu mòr an dòchas an turas seo gun urrainn dhaibh tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Droinneadh

Bidh na geamaichean càirdeal aca air na h-uimhir de dhòchas a thoirt dhaibh, is iad air a' chùis a dhèanamh air Lòbhat is air a bhith co-ionnan ri Ceann a' Ghiuthsaich, ged a dh'fhulaing iad beagan de dhroinneadh bho Ghleann Urchadain.

Tha dòchas gu leòr cuideachd aig a' Mhanachainn is iad air obair mhòr a chur a-steach air thoiseach air an t-seusan ùr.

Bha coltas làidir aca ann an Cupa MhicShimidh is iad làn airidh air a' chùis a dhèanamh air Lòbhat 3-1.

Image caption Tha e coltach gu bheil balaich Inbhir Nis ag èisteachd ri teachdaireachd Drew MhicNèill.

'S e an t-amas aca a-nise ceann a' mhaide a chumail ris na nàbaidhean nas trice le àite sa Phrìomh Lìog.

"Tha sinn airson an lìog a bhuannachadh agus adhartas co-dhiù a dhèanamh anns na cupannan", thuirt am manaidsear, Roger Cormack.

"S e Dàibhidh MacIlleathain ar sgiobair am-bliadhna agus tha leithid Connor Cormack is Barrie Dòmhnallach againn, agus buidheann de bhalaich òga a tha a' tighinn troimhe. Tha sinn ann an suidheachadh math", thuirt e.

Thàinig ath-bheòthachadh air na Sgitheanaich an-uiridh is iad a' buannachadh Lìog Tuath 1 gu furasta agus a' dol dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Misneachd

Le Iain 'Spod' MacLeòid aig an stiùir tha na Sgitheanaich nas fut na bha iad is misneachd gu leòr aca a-nise, còmhla ris an tàlant a bha follaiseach mar thà.

Tha Spod is an sgioba ag amas air seusan soirbheachail eile is ag ràdh gur e àite sa Phrìomh Lìog aig deireadh na bliadhna an targaid.

Fhuair am manaidsear na h-uimhir de mhisneachd ron t-seusan is na Sgitheanaich a' trèanadh gu cruaidh agus a' soirbheachadh an aghaidh Lòbhait ann an geama càirdeal.

Tha coltas làidir air an sgioba aca is an luchd-leantainn gu sònraichte dòchasach mun fhear-ghlèidhidh òg, Iain MacLeòid, a thòisicheas an seusan eadar na puist.

Image copyright Kenny Murray
Image caption Tha dùbhlan ùr ann do Chamanachd Leòdhais ann an Lìog Tuath 2.

'S e an aon bhuille, s' dòcha, nach cluich Chris Rose idir am-bliadhna.

Chan eil dùil gum bi Inbhir Nis a' farpais aig mullach na lìge, ach bidh gu leòr a' cumail sùil gheur orra is iad air co-dhùnadh ceum suas dhan lìog a ghabhail fo stiùir am manaidseir ùir, Drew MacNèill.

Bha iongadh air gu leòr an uair a ghabh MacNèill an obair ach tha e ag ràdh gu bheil na cluicheadairean aige mar thà air adhartas a dhèanamh.

"Tha mi airson soirbheachadh agus tha mi an dòchas gun toir sin buaidh air na balaich, tha coltas aig an ìre seo gu bheil an gnothach a' còrdadh riutha", thuirt Drew.

Dùbhlan

"Chunnaic mi iad a' call ri Both Fhleisginn ann an Cupa a' Mhòid is shaoil mi nach b' urrainn dhaibh a dhol nas ìsle na sin. Bha fios 'am ge-tà gun robh coidsichean math aca an seo, is cothrom aca a dhol a-steach dha iomadh sgoil. Tha bunait làidir ann is shaoil mi gur e dùbhlan a bhiodh ann dhomh".

Tha MacNèill air leithid Dàibhidh Glass a thàladh air ais is bha coltas glè mhath air an sgioba aige anns na geamaichean càirdeil aca.

Tha e air obair mhòr a dhèanamh mar thà aig a' Ghearasdan agus le sgioba na h-Alba, ach ma thèid aige air Inbhir Nis a stèidheachadh aig ìre nàiseanta bhiodh clach eile air càrn MhicNèill.

Bidh sùil cuideachd air suidheachadh Camanachd Leòdhais is crathadh nan lìogaichean air an cur suas gu Lìog Tuath 2.

Eachdraidh

Rinn na Leòdhasaich eachdraidh an-uiridh leis an dàrna àite an Lìog Tuath 3, is ged is e dùbhlan a bhios an seo dhaibh, tha iad air dèiligeadh ri gach dùbhlan eile a bha mun coinneimh thuige seo.

Tha iad a' fàgail sòraidh slàn ri Donnchadh Mac an t-Saoir, ach cuiridh Coinneach Moireach an t-eòlas farsaing aige fhèin gu feum mar sgiobair.

Bidh siubhail gu leòr ann dha na Leòdhasaich, ach tha eachdraidh a' sealltainn nach cuir sin cus dragh orra, agus às dèidh dhaibh soirbheachadh an-uiridh an aghaidh leithid Chabar Fèidh is Cill Mhàillidh cha chuir duine an t-eagal orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile