Ath-Leasachadh Chaisteil Inbhir Nis

Thathas a' meas gun cosg e £360,000 Tùr a Tuath Chaisteil Inbhir Nis a leasachadh agus a dhèanamh na àite-amhairc do luchd-turais.
Chaidh an caisteal a thogail anns na 1800an air làraich seann chaistealan agus bha e na thalla, na phrìosan, agus mu dheireadh, tha Cùirt Siorraim Inbhir Nis air a bhith stèidhichte ann
'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an Tùr a Tuath agus 's iad a th' air cùlaibh a' phlana gus àite-amhairc a dhèanamh dheth.
Luchd-tadhail
Tha High Life Highland, a' bhuidheann a tha a' ruith àiteachan chur-seachadan air Ghàidhealtachd, ag ràdh gum faodadh 30,000 duine tadhal air gach bliadhna.
Chomharraich Comhairle na Gàidhealtachd £200,000 airson na pròiseict.
Tha iad an dòchas gun tig £100,000 bho Mhaoin Maith Choitchinn Inbhir Nis agus £60,000 bho iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Bhiodh an còrr den chaisteal air a ruith mar chùirt.