Baileat airson stailc a-measg luchd-tèarainteachd HIAL

Thèid baileat a chumail am measg luchd-obrach tèarainteachd aig Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) an ath-sheachdain, feuch a bheil iad airson a dhol a-mach air stailc.

Tha an t-aonadh Prospect ag ràdh nach eil co-ionannachd ann eadar luchd-obrach tèarainteachd agus an còrr de luchd-obrach nam port-adhair.

Thuirt Rùnaire an aonaidh, Ailean Denney, nach tèid luchd-obrach tèarainteachd a phàigheadh, ma tha iad dheth tinn, ach 2.5 là sa bhliadhna - ach gum faod àrd-mhanaidsearan a bhith dheth, agus a' faighinn am pàighidh, airson suas ri sia mìosan.

Cuideachd thuirt e nach fhaigh iad ìre phàighidh càil nas àirde airson a bhith ag obair uairean a bharrachd.

Thuirt e gur e an roghainn mu dheireadh a bhiodh aca iomairt obrach a chur air dòigh, ach ma thachras e, gum faodadh e puirt-adhair a dhùnadh.

Stailc a sheachnadh?

Thuirt fear-labhairt do HIAL gu bheil iad tamailteach mu cho-dhùnaidh an aonaidh, ach gu bheil iad dòchasach fhathast gun gabh stailc a sheachnadh.

Ma thachras stailc, thuirt e, nì luchd-obrach HIAL na 's urrainn dhaibh gus maill a sheachnadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile