Gàidheil, dreasa, agus ùpraid air-loidhne
- Air fhoillseachadh

Tha deasbad eadar càirdean is caraidean mu dè an dath a th' air dreasa bainnse air a dhol na chùis iongnaidh air an eadar-lìon.
Dh'iarr Alana NicAonghais, às Uibhist, agus Caitlin NicNèill, à Colbhasa, beachdan dhaoine air an làraich-lìn Tumblr mu co-dhiù bha an dreasa òir is geal, no gorm is dubh.
Thog luchd nam blogaichean a' chùis, a thuilleadh air Buzzfeed, an Washington Post agus an iris Aimeireaganach Wired.
'S e taga-hais an deasbaid #TheDress, an taga-hais as nochdte air Twitter.
Còmhlan Gàidhlig
Chaidh an sgeulachd a roinn air Buzzfeed còrr is 20 millean turas.
Chaidh dealbh den dreasa a thogail le Alana, agus chuir Caitlin ris na meadhanan-sòisealta e.
Tha an dithis nam buill den chòmhlan Gàidhlig Canach.
Dh'innis Caitlin don BhBC gun do thòisich a' chùis nuair a bha an dreasa air màthair charaid dhi air banais.
"Bha dithis dheagh charaidean dhomh gu bhith a' pòsadh, agus dh'iarr iad orm còmhlan a chur ri chèile airson cluich air a' bhanais," thuirt i.
"B' ann an Colbhasa, an t-àite às a bheil sinn, a bha a' bhanais, agus bha mu 100 duine ann.
"Seachdain ron bhanais, chuir màthair bean na bainnse dealbh thuice den dreasa a bha gu bhith oirre air a' bhanais, agus nuair a sheall bean na bainnse an dealbh do a cèile, agus cha do dh'aontaich iad dè an dath a bh' air.
"Bha ise mar, "tha e geal is òr" agus thuirt esan "tha e gorm is dubh".
"So chuir iad air Facebook e feuch dè am beachd a bh' aig càch, agus dh'adhbharaich e ùpraid mhòr air Facebook."
Thuirt i gun robh iad air diochuimhneachadh mun dreasa gus an do nochd màthair bean na bainnse ga chaitheamh aig a' bhanais, nuair a bha e "gu follaiseach gorm is dubh".
Thuirt labhraiche don chompanaidh a rinn an dreasa gun robh e ri fhaotainn ann an trì dhathan eile, dreach dearg is dubh nam measg.
"Tha e dubh is gorm, ach tha sinne a-niste a' coimhead ri dreach ghil is òir a dhèanamh," thuirt e.