Taic ga toirt do Phlana Gàidhlig Fìobha

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Bha cuid de chomhairlean Fìobha a' faicinn na Gàidhlig mar rud nach buin dhan sgìre.

Chaidh gabhail ri plana Gàidhlig Chomhairle Fìobha beagan làithean mus fheum e a bhith air a chur gu Bòrd na Gàidhlig

Tha e mar fhiathachadh air Comhairle Fìobha, còmhla ri ùghdarrasan ionadail eile na h-Alba, plana Gàidhlig aontachadh.

Bha cuid de chomhairlichean ann am Fìobha na aghaidh ge-tà, 's iad a' faicinn gu robh seo air a sparradh orra 's iad ag ràdh nach buin a' Ghàidhlig dhan sgìre idir.

Bha dragh ann cuideachd mun chosgais a dh'fhaoodadh a bhith na chois.

Chan eil coltas ann ge-tà, gun tig cus atharrachaidh an cois plana Gàidhlig na Comhairle.

Seach suaicheantas ùr dà-chànanach, thuirt oifigearan gur e abairt Ghàidhlig a chur fo ainm na Comhairle air litrichean uile 's a bha nam beachd.

Ceist an airgid

Fhuair Comhairle Fìobha £12,000 de dh'airgead Riaghaltais mu choinneimh nan cosgaisean a thig orra an lùib a' phlana.

Thuirt oifigearan ge-tà, gur dòcha nach biodh gu leòr an sin airson soidhnichean ùra dà-chànanach a chur air na rathaidhean mòra a-staigh dhan sgìre.

Foghlam Gàidhlig

Thuirt fear a tha a' fuireach ann an Cùbar Fìobha, Ciarán Folan, gun do chuir e fàilte air Plana Gàidhlig na Comhaile ach gu bheil e a' faicinn gu bheil beàrnan ann fhathast, gu h-àraidh a thaobh foghlaim Ghàidhlig.

"Thathar ag ràdh gum faod clann òg beagan eòlais a chur air Gàidhlig air feadh Fìobha ach chan e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a tha sin - agus mura h-eil foghlam Gàidhlig gu bhith ann, chan eil mi a' faicinn gum biodh na leasanan beaga a tha sin uabhasach fhèin feumail".

"Dè thachras nuair a bhios a' chlann deiseil de na leasanan beaga a tha sin?"

Cheasnaich e cuideachd a bheil Gàidhlig gu leòr aig na tidsearan bun-sgoile ann am Fìobha airson na leasasan Gàidhlig sin a thoirt seachad neo am feum iad fhèin beagan Gàidhlig ionnsachadh an toiseach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh