Comann proifeasanta airson eadar-theangachaidh Ghàidhlig?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid comann proifeiseanta a stèidheachadh do dh'eadar-theangairean Gàidhlig.
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dèanamh rannsachaidh an-dràsta feuch a bheil feum air.
Tha gearainnean air a bhith ann nach eil smachd sam bith air dè cho math no cho dona 's a tha eadar-theangachadh a tha ga dhèanamh air pàipearan oifigeil 's eile.
Dh'fheumadh daoine a dh'iarradh ballrachd a bhith aca sa chomann airson obair fhaighinn, dearbhadh gun robh iad air ìre shònraichte a ruighinn a thaobh chomasan eadar-theangachaidh.
Chaidh beachdan a shireadh ron a seo bho dhaoine a bhiodh a' ceannach eadar-theangachaidh Ghàidhlig, leithid bhuidhnean poblach, agus feadhainn acasan a' gearain gum biodh aig buidhnean gu tric ri taghadh a dhèanamh air eadar-theangaire gun fhios aca air na comasan aca.
Tha leithid de bhuidhinn stèidhichte sa Chuimrigh, Cymdeithas Cyfieithwyr Cymru (Comann Eadar-Theangairean na Cuimrigh) a tha na buidhinn phroifeasanta le dà amas - a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil eadar-theangairean aig ìre chomais shònraichte; agus cuideachd eadar-theangachadh agus leasachadh a bhrosnachadh.
Feumar deuchainn a shuidhe airson ballrachd fhaighinn sa chomann Chuimreach, agus tha dùil gur e an aon seòrsa buidhne a bhiodh sa chomann Albannach.