Tillidh sganaichean a dh'Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Thàinig dearbhadh bho NHS na Gàidhealtachd gun tèid seirbheis sganaidh a thoirt seachad do bhoireannaich a tha an dùil ri leanabh ann an Earra-Ghàidheal bhon ath-bhliadhna.
Tha iomairt air a bhith a' dol san sgìre airson greis airson an leithid.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi an t-seirbheis ri fhaotainn ann am Baile Bhòid, an Ceann Loch Gilp, an Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Omhain, agus san Òban, a thuilleadh air Muile agus Ìle, bhon Fhoghar 2016.
Bho thàinig an t-seirbheis, a bha roimhe ga toirt seachad anns na h-àiteachan sin air Tìr Mòr Earra-Ghàidheal, gu crìch, tha tighinn air boireannaich na sgìre falbh a Phàislig agus Glaschu airson sganaichean fhaighinn.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum feum trèanadh sònraichte, a tha a' toirt bliadhna, a bhith aig daoine a bheir seachad an t-seirbheis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 18 An Gearran 2015