Bàta-cargo air ais aig muir

Thug gaoth làidir air an deireadh-sheachdain buaidh air a' bhàta-chargo a chaidh air na creagan ann an Àird nam Murachan an t-seachdain seo chaidh.

Bha an Lysblink Seaways air acaire, às dèidh dhan làn a toirt far nan creagan, ach le neart na gaoithe shlaod i a h-acaire Didòmhnaich.

Bha bàtaichean slaodaidh faisg air làimh, agus chaidh aca air a toirt air ais gu muir.

Tha obair rannsachaidh air a bhith a' dol faic dè an t-seòrsa chron a chaidh a dhèanamh oirre, agus tha eòlaichean ag ullachadh airson an ola a th' air bòrd a dhèanamh sàbhailte, às dèidh dha a bhith ag aodion.

Tuilleadh air an sgeulachd seo