Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jack Straw agus Sir Malcolm Rifkind

Tha dithis aig an robh dreuchd Rùnaire nan Dùthchannan Cèine aig aon àm, Làbarach agus Tòraidheach, a' dol às àicheadh gun do rinn iad dad ceàrr ged a tha iad aig meadhan sgainneil às ùr mu bhith a' gabhail airgid airson companaidh phrìobhaideach a chuideachadh. Chaidh Jack Straw agus Sir Malcolm Rifkind a chlàradh gun fhiosta dhaibh a' tabhann an cumhachd agus ceanglaichean. Thug iad le chèile a' chùis gu aire Choimiseanair Inbhe na Pàrlamaid.

HSBC

Thuit prothaid bhliadhnail a' bhanca HSBC ro chìsean mu 17% gu £12bn. Aig an dearbh àm tha àrd-oifigear a' bhanca, Stiùbhart Gulliver, a' dol às àicheadh gun do rinn e dad ceàrr, agus am pàipear-naidheachd an Guardian a' fàgail airsan gu bheil na milleanan not am falach aige ann an cunntas banca dìomhair anns an Eilbheis.

An Ugràin

Thuirt feachdan an Riaghaltais san Ugràin nach tarraing iad an armachd throm air ais bhon t-sabaid air taobh sear na dùthcha gus an sguir na Reubaltaich a' losgadh orrasan. Bu chòir fois-fòirneirt a bhith san sgìre, ach tha sabaid a' dol air adhart fhathast, gu h-àraid faisg air port Mariupol.

A' Ghrèig

Feumaidh Riaghaltas na Grèige liosta de dh'ath-leasachadh eaconamach a thoirt seachad an-diugh dha na dùthchannan aig a bheil fiachan orra. Thèid leudachadh airson ceithir mìosan air iasad na Grèige ma ghabhas dùthchanan eile Sòn an Euro ris na h-atharrachaidhean.

Teine

Tha na seirbheisean èiginn aig teine aig togalach ann an Inbhir Nis. Thuirt na Poilis gun do thòisich an teine air Sràid Abban mu 09:00m. Tha Rathad Loch Aillse faisg air làimh dùinte, agus dh'iarr na Poilis air daoine an sgìre sin a sheachnadh.

Buaireadh Siubhail

Tha droch shìde a' cur maill air luchd-siubhail. Tha sneachda a' toirt buaidh air an trafaig air an A9 aig Druim Uachdair, air an A82 aig Taigh an Droma, agus cuideachd air an A835 eadar Inbhir Nis agus Ulapul. Tha maill air seirbheisean trèana eadar Inbhir Nis is Peairt, agus tha gaoth làidir air a' chosta an iar a' toirt buaidh air seirbheisean aiseig.