Ùine teann air Plana Gàidhlig Fìobha

Cille Rìmhinn Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha eadar 2,000 agus 3,000 duine ann am Fìobha a bhruidhneas a' Ghàidhlig.

Feumaidh, fon lagh, Comhairle Fìobha plana Gàidhlig a chur gu Bòrd na Gàidhlig ro dheireadh na seachdain seo.

Ach tha mòran de na comhairlichean na aghaidh, 's iad ag ràdh nach buin a' Ghàidhlig ris an sgìre.

Chaidh iomagain mhòr a thogail nuair a bhruidhinn iad air aig toiseach na mìos.

Bidh comataidh sgrùdaidh a' bruidhinn air a' chùis Dimàirt, 's an ùine a' ruith a-mach orra.

Fo Achd na Gàidhlig tha uallach air Bòrd na Gàidhlig toirt air buidhnean poblach plana Gàidhlig a dhealbh.

Tha cuid de chomhairlean na h-Alba air sin a dhèanamh mar thà, agus iad a-niste ag obair air an dàrna plana Gàidhlig, an dèidh dhaibh a' chiad fhear a chur an sàs.

Aig conneimh de dh'Àrd-Chomataidh Chomhairle Fìobha toiseach na mìos, thuirt aon Chomhairliche gun robh còrr air 20 cànan ann am Fìobha, agus gun robh a' Ghàidhlig fada sìos an liosta a thaobh na bh' ann de dhaoine ga bruidhinn san sgìre.

Tha eadar 2,000 is 3,000 duine ann am Fìobha a bhruidhneas a' Ghàidhlig.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach tàinig iarrtas sam bith thuca riamh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre thuige seo.

Tha cuid de Chomhairlichean draghail gun tig cosgaisean air a' Chomhairle ri linn a' phlana Ghàidhlig, 's gum faodadh cosgaisean a bhith falaichte san àm ri teachd.

Tha dùil gun tèid am plana a chur gu Bòrd na Gàidhlig ann an àm, ach gun tèid a lùghdachadh gu cho beag 's is urrainn dhan Chomhairle a dhèanamh.