Iomairt mu sganaichean an Earra-Ghàidheal

Sgan Image copyright VT Freezeframe
Image caption Tha an NHS ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdadh air an t-seirbheis, ach gum mair trèanadh an luchd-obrach bliadhna.

Tha iomairt air tòiseachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gus am faigh boireannaich aig a bheil dùil ri leanabh an cuid sganaichean gu h-ionadail.

Mar a tha cùisean an-dràsta feumaidh iad siubhail gu meadhan na h-Alba airson na seirbheis.

Bidh coinneamh phoblach ann Diardaoin leis an NHS mu dheidhinn aig 7:00f ann an Tallaichean a' Chorrain anns an Òban.

Tha an NHS ag aideachadh gum b' àbhaist dhaibh a bhith a' tabhainn sganaichean anns an sgìre aig aon àm, ged a tha iad ag ràdh gur e sganaichean eadar-dhealaichte a bh' annta seach na sganaichean a gheibh boireannaich gu h-àbhaisteach às dèidh 12 seachdainnean.

Trì dòighean

Bha na sganaichean gan tabhainn anns an Òban, Ceann Loch Gilp, Ceann Loch Chille Chiarain, Dùn Omhain, Baile Bhòid agus ann an Ìle.

Ach, ri linn 's nach robh trèanadh foirmeil sam bith aig an luchd-obrach, a dh'aindeoin an cuid eòlais air a' ghnothach, cho-dhùin an NHS bho chionn beagan is bliadhna sin a sguir, 's iad den bheachd nach robh e sàbhailte.

Feumaidh trèanadh foirmeil a bhith aig bean-glùine no aig rèidi-eòlaiche ann an ultrasonography gus na sganaichean a dhèanamh.

Tha a-niste tighinn air boireannaich a tha an dùil ri leanabh siubhail a Ghlaschu no Pàislig air a shon.

Chaidh ath-chuinge a chur air dòigh san sgìre ag iarraidh gun tèid na sganaichean a thabhainn nas fhaisge air dachannan dhaoine, anns na sia àiteachan far am b' àbhaist dhaibh a bhith ri fhaotainn, agus ann am Muile cuideachd.

Tha an luchd-iomairt ag ràdh gu bheil trì dòighean ann seo a dhèanamh: trèanadh a thoirt do mhnàthan-glùine no rèidi-eòlaiche anns na h-àiteachan sin a bhios ag obair pàirt-ùine; sgioba a thrèanadh a bhios a' dol timcheall; no coimhead air tele-chùram, far am biodh an t-eòlaiche ann an àite eile air ceangal bhideo, agus duine eile a' dèanamh na h-obrach-làimhe.

Thuirt an NHS gun robh iad a' dèanamh ath-sgrùdadh air an t-seirbheis, ach leis gum mair trèanadh nam mnàthan-glùine ann an ultrasonography bliadhna, chan eil dùil ri atharrachadh aithghearr.