Ban-Abrach a' dèanamh air Màrs?

Màrs Image copyright AP/NASA
Image caption Ma thèid a taghadh, dheadh Hannah a chur gu Màrs ann an 2024, gun chothrom tilleadh.

Dh'fhaodadh gun cuir boireannach òg às a' Ghearasdan an còrr de a beatha seachad air Màrs, gun chothrom tilleadh.

Tha Hannah Earnshaw, 23, an-dràsta a' fuireach ann an Sasainn, far a bheil i a' dèanamh PhD ann an Reul-eòlas aig Oilthigh Durham.

Tha i air tè de cheud duine a chaidh a thaghadh a-mach à 200,000 tagraiche.

Tha aon chothrom anns gach ceithir aice a bith air a taghadh airson an turais.

Conaltradh

Thèid 24 duine a chur chun na Planaid Ruaidhe uile gu lèir, agus cuiridh iad seachad an còrr de am beatha ann.

"Tha ùidh air a bhith agam bho riamh ann an rannsachadh mhic an duine ann am fànais, agus mar sin bha an cothrom seo gu math tarraingeach," thuirt i.

"'S ann am fànais a tha àm ri teachd mhic an duine.

"Tha mo theaghlach air an dòigh mu dheidhinn. Tha iad gu math toilichte air mo shon.

"Gun teagamh, bidh e na dhùbhlan mòr, a' fàgail a' Chruinne Chè 's gun tilleadh.

"Tha taic air a bhith agam bho mo charaidean is mo theaghlach, agus thèid againn fhathast air conaltradh thar an eadar-lìn."

Thèid Hannah a-nis tro dheuchainnean air mar a dh'obraicheas i ann am buidhnean, agus mar a fhreagras i air suidheachaidhean streasmhor, mus fhaigh i a-mach deireadh na bliadhna co-dhiù fhuair i air an liosta de 24 duine a thèid a Mhàrs.

Thèid ochd no naoi soithichean, gun chriutha, a chur gu Màrs, mus tèid a' chiad bhuidheann de cheathrar a chur ann ann an 2024.

Thuirt Hannah nach robh iongnadh oirre gun robh daoine teagmhach mun chùis.

An-uiridh, fhuair rannsachadh a rinn Institiùd Teicneòlais Mhassachusetts gum bàsaicheadh criutha sam bith a dheadh gu Màrs an dèidh 68 làithean.

"Gabhaidh e dèanamh gun teagamh. Tha cunnartan an lùib siubhail ann am fànais, ach aig a' cheart àm, tha clàr-ama ann," thuirt i.