Sgeama an ADS ga leudachadh

Plèana
Image caption Tha an sgeama a' toirt lasachaidh do luchd-siubhail a tha a' fuireach anns na h-Eileanan, ach chan eil do ghnìomhachasan.

Tha fàilte ga cur air an naidheachd gun tèid sgeama nam faraidhean adhair saora (ADS) a leudachadh gu 2019.

Tha an sgeama a' lùghdachadh fharaidhean adhair 40% do mhuinntir nan Eilean agus a' Chinn a Tuath. Chan eil an sgeama ann do luchd-gnothachais.

Bha an sgeama gus tighinn gu crìch aig deireadh na h-ath-mhìos, ach thàinig fios a-nise gun tèid a cumail a' dol airson ceithir bliadhna eile.

"Tha earbsa agam gum bi an sgeama seo a' ruith anns an àm ri teachd, (às dèidh 2019), thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Buidseat

"Tha e ag obair, agus tha e air sin a dhearbhadh, gu bheil buaidh mhòr ann air tòrr dhaoine anns na h-Eileanan. Faisg air a h-uile duine anns na h-Eileanan tha a' cleachdadh nam plèanaichean.

"Tha sin a' ciallachadh gu bheil lasachadh mòr mòr ann air na plèanaichean.

"Feumaidh mi a ràdh, aig an aon àm, mar a tha fios aig a h-uile duine anns na h-Eileanan, chan eil na plèanaichean a tha a' ruith eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr saor. Tha iad daor.

"So gun an sgeama seo, bhiodh iad tòrr tòrr nas daoire," thuirt e.

Tha iarrtas ann gun tèid an sgeama a chur air dòigh airson leigeil le luchd-gnothachais lasachadh fhaighinn air faraidhean adhair cuideachd, ach tha Mgr Allan ag ràdh nach eil na tha sin de dh'airgead anns a' bhuidseat, a dh'aindeoin 's gun toireadh sin buannachd don eaconamaidh.

"Bha deasbad ann mu dheidhinn seo ann an 2012, agus bha an Riaghaltas a' dèanamh soilleir gum biodh an sgeama seo ag obair airson daoine a tha ag obair ann an gnìomhachasan na treas roinne - an roinn shaor-thoileach - agus cuideachd gum biodh e ag obair airson oileanach.

"So tha fhios agam carson a tha daoine a' togail a' chuspair seo, agus bidh mise a' bruidhinn gu math tric ri gnìomhachasan san sgìre mu dheidhinn a' cuspair seo.

"Aig an aon àm 's a dhèanadh e feum don eaconamaidh, tha an Riaghaltas ag obair le buidseat a tha a' crìonadh, agus feumaidh sinn a bhith ag obair am broinn a' bhuidseit sin.

"Ach bidh an sgeama seo a' ruith anns an àm ri teachd airson daoine a tha a' fuireach anns na h-Eileanan, agus tha mi cinnteach gun dèanadh e diofar mòr," thuirt e.