Duine fo chasaid airson ionnsaigh teine

Tha na Poilis air duine a chur fo chasaid co-cheangaillte ri mar a chaidh duine gun dachaigh a dhroch losgadh ann an Inbhir Narann an t-seachdain seo chaidh.

Tha Seumas Seathach, 34, a' faighinn cobhair shònraichte anns an ospadal ann am Baile Dhùn Lèibhe às dèidh mar a chaidh lorg fhaighinn air air an t-sràid taobh a-muigh flataichean Tower Court sa bhaile oidhche Mhàirt.

Bha e air a dhroch losgadh gu h-ìosal air a' bhodhaig, agus dhearbh na Poilis an t-seachdain seo chaidh gun deach teine a chur ris a dh'aona-ghnothach.

Thuirt Poilis na h-Alba gu bheil aon duine a-nis fo chasaidean droch ionnsaigh agus casaidean co-cheangaillte ri togail teine.