Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Chaidh aonta a ruighinn gus feuchainn ri sìth a rèiteachadh agus fois-fòirneirt a thòiseachadh air taobh sear na h-Ugràin. Thuirt Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, gun tòisich seo aig meadhan oidhche Disathairne. Tha e air a thuigsinn gu bheil an Ugràin agus an Ruis cuideachd air tighinn gu aonta a thaobh armachd throm a thoirt a-mach às an sgìre. Bha ceannardan na h-Ugràin, na Ruis, na Frainge agus na Gearmailte ann an còmhraidhean mun chùis ann am Minsk, prìomh bhaile Belarus, tron oidhche-raoir.

Aig a' cheart àm dh'fhoillsich Stòras Airgid na Cruinne, (IMF), maoin de £26bn airson na h-Ugràin, ga thoirt dhaibh thairis air ceithir bliadhna. Thuirt Ceannard an IMF, Christine Lagarde, gur e rud mòr a bhios ann an dùthaich ath-leasachadh, ach gun gabhadh a dhèanamh.

Àrd-Sgoil Lìonail

Tha pàrantan ann an Nis ann an Leòdhas ag ràdh gum fulaing an sgìre buille chruaidh, agus Comhairlichean air bhòtadh Àrd-Sgoil Lìonail a dhùnadh. Bha a' bhòt aig an Làn-Chomhairle an-raoir co-ionnan, le 15 duine air gach taobh. Ach aig a' cheann thall 's e bhòt an Fhir-Ghairm a cho-dhùin a dùnadh. Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlaim agus Seirbheisean Cloinne na Comhairle, Catriona Stiùbhairt, gur e maith na cloinne a bha gan stiùireadh.

Buidseatan Chomhairlean

Chaidh rabhadh a thoirt do chomhairlichean Albannach 's a' mhòr-chuid dhiubh a' dearbhadh am buidseatan an-diugh, gum feum iad àireamhan thidsearan a chumail aig an aon ìre 's a tha iad an-dràsta, no thèid an t-airgead a tha ga chumail riutha a ghearradh. Tha an eas-aonta eadar na comhairlean agus Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' leantail, ach dh'fhaodadh gun caill sgoiltean am pàirt de £10m mur a gheall iad na h-àireamhan a dhìon.

Sgoil an Ath Leathainn

Dh'iarr fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gun deadh sgoil ùr a thogail an àite Bun-Sgoil an Ath Leathainn. Thuirt Drew Miller gur e cùis nàire a th' innte, agus nach eil i fiù 's dìonach bhon uisge. A' bruidhinn ri Comataidh Foghlaim na Gàidhealtachd, thuirt e nach eil i freagarrach idir airson a bhith a' teagaisg chloinne innte.

Am Morair Fink

Tha dùil gum fàg Ed Miliband a-rithist air seann rùnaire a' Phàrtaidh Thòraidhich, am Morair Fink, gun robh e an sàs ann an gnothaichean a thaobh seachnadh chìsean. 'S ann anns na Cumantan an-dè a rinn Ceannard nan Làbarach na casaidean fhad 's a bha deasbad sradaigeach a' dol mu chasaidean gun robh am banca HSBC air na mìltean de Bhreatannaich a chuideachadh gus cìsean a sheachnadh. Tha am Morair Fink air a dhol às àicheadh gun do rinn e sìan ceàrr.

Caothach nan Cnothan

Chaidh binn bliadhna sa phrìosan a chur air tè ann an Coirea a Deas a b' àbhaist a bhith na stiùirche air companaidh adhair, às dèidh an caothach dearg a bhith oirre mu phacaid chnothan. Dh'iarr Heather Cho air itealan le Korea Air tilleadh dhan gheata nuair a chaidh cnothan a thoirt dhi ann am pacaid, seach àite bobhla.