BSGI
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgoiltean Inbhir Nis

12 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh' fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd coimhead ri dòigh radaigeach ùr airson sgoiltean a thogail ann an Inbhir Nis.

An àite dìreach sgoiltean ùra a thogail, dh'fhaodadh gur e ionadan ùr-nodha coimhearsnachd a dheadh an-àrda, a' gabhail a-steach cùram sòisealta, slàinte agus cuir-seachad, a bharrachd air fòghlam.

Ach le cuid de bhun-sgoiltean a' bhaile loma-làn, chuala comhairlichean cuideachd na tha dhìth a dhèanamh san ùine ghoirid.