Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionadan Tubaiste agus Èiginn

Dh'aidich Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gur e Geamhradh doirbh, riaslach a th' air a bhith ann do dh'ionadan tubaiste agus èiginn aig ospadail air feadh Alba. Bha i a' bruidhinn an dèidh do Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh nach robh roghainn aca ach sgioba stiùiridh shònraichte a chur a dh'Ospadal Rìoghail Alexandra ann am Pàislig, far a bheil e a' faileachadh orra cumail ris an ùine ris am biodh dùil aig euslaintich feitheamh ann an roinn A&E.

Dràibhear Làraidh-sgudail

Chaidh dràibhear làraidh-sgudail a chur far às a dhreuchd an dèidh dha tuiteam na chadal aig a' chuibhle ann an Dùn Èideann air a' mhìos a chaidh. Ged a chaidh an làraidh tarsainn gu taobh eile an rathaid, cha deach duine a ghoirteachadh. Thuirt an t-aonadh Unite, gu bheil dragh orra mun àireamh thubaistean anns a bheil luchd-obrach a th' air fo-chùmhnant aig seirbheisean sgudail Dhùn Èideann.

Ospadal an Ath Leathainn

Gheall muinntir cheann a tuath an Eilein Sgitheanaich strì airson seirbheisean slàinte a ghlèidheadh, a dh'aindeoin agus gun do chuir Shona Robison, Rùnaire na Slàinte, a taic ris an Ath Leathann mar làrach ospadail ùir an Eilein, Loch Aillse agus taobh siar-dheas Rois. Tha Buidhean-Strì a' Chinn a Tuath ag iarraidh sgrùdaidh neo-eisimeilich, agus ath-bhreithneachadh laghail air a' phròiseas fo an do thaghadh NHS na Gàidhealtachd an t-Ath Leathann.

Ceangal-rathad an Iar Inbhir Nis

Tha Ceannard Bun-structair Chomhairle na Gàidhealtachd, Cailean Howell, a' dol às àicheadh gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' mealladh an t-sluaigh mu chosgais seach-rathaid Inbhir Nis. 'S e £27m a' chosgais a bha mu choinneimh a' phròiseict nuair a chaidh gabhail ris an toiseach anna n 2012, ach tha sin air èirigh gu £55m on uair sin.

Bun-sgoiltean Inbhir Nis

Tha Comataidh an Fhoghlaim aig Comhairle na Gàidhealtachd a' coimhead an-diugh air suidheachadh nam bun-sgoiltean ann an Inbhir Nis, agus cuid dhiubh làn gus cur-thairis le àireamhan cloinne. Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig a' bhaile nam measg. Bidh a' chomataidh a' deasbad càite an gabh airgead a chosg air tuilleadh sheòmraichean-teagaisg, ach tha rabhadh ann nach urrainn dhaibh sin a dhèanamh aig a' h-uile sgoil.

Bun-Sgoil Achadh na Creige

Tha dùil ri fios an-diugh air dè thachras do sheann Bhun-Sgoil Achadh na Creige san Òban. Tha Comataidh Sgìre an Òbain, Latharna 's nan Eilean a' co-dhùnadh a bheil iad airson an sgoil a reic ri Urras Coimhearsnachd an Òbain, aig a bheil plana airson ionad cultarail anns an togalach.