An Cupa Ceilteach an Taigh an Uillt

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, SNS
fo-thiotal an deilbhBha Caol Bhòid ro làidir do dh'Inbhir Aora sa Chupa Cheilteach an 2014.

Bidh a' chuairt dheireannach de Chupa Chomann Ceilteach Ghlaschu am-bliadhna an Taigh an Uillt.

Ged a bha an geama gu traidiseanta ann an Glaschu fhèin, tha an Cupa Ceilteach air a chluich ann an Inbhir Aora agus Srath Chura anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad.

Thill a' chuairt dheireannach a Ghlaschu an 2014 leis gun robh na h-uimhir a' dol sa bhaile a thaobh spòrs aig an àm.

Tha an Comann Ceilteach air dearbhadh gur ann an Earra-Ghàidheal a bhios an geama am-bliadhna is gun tèid e air adhart an Taigh an Uillt 'son a' chiad turais.

'S ann Disathairne an 27mh den Òg-Mhìos a bhios an geama ann.

Dh'innis an Comann Ceilteach cuideachd gun cuir a' chompanaidh Gregor Cameron Consultancy taic-airgid ris an fharpais.

Bhuannaich Caol Bhòid an fharpais an 2014 is iad air an gnothach a dhèanamh air Inbhir Aora 6-2 sa chuairt dheireannaich.

Dh'fhaodadh na sgiobaidhean coinneachadh a-rithist san iar-chuairt dheireannaich am-bliadhna.

Tha an taghadh air fad mar a leanas;

A' Chiad Chuairt

Celtic an Òbain - Cille Mhoire

Srath Chura - Baile a' Chaolais

Gleann Urchaidh - Eilean Bhòid

Taigh an Uillt - Obar Dobhair

An dàrna chuairt

Srath Chura / Baile a' Chaolais - Celtic an Òbain / Cille Mhoire

Taigh an Uillt / Obar Dobhair - Inbhir Aora

Gleann Urchaidh / Eilean Bhòid - Camanachd an Òbain

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Caol Bhòid

An Iar-Chuairt Dheireannach

Gleann Urchaidh / Eilean Bhòid / Camanachd an Òbain - Srath Chura / Baile a' Chaolais / Celtic an Òbain / Cille Mhoire

Taigh an Uillt / Obar Dobhair / Inbhir Aora - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal / Caol Bhòid