Stìubhart Dòmhnallach le Cupa MhicThàmhais an 2014.
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cupanan na h-iomain

10 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dùbhlan ann do Lòbhat nan oidhirp Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh trì bliadhna an sreath is an taghadh air an cur gu Bail' Ùr an t-Slèibh sa chiad chuairt.

Bha sin am measg nan geamaichean is Comann na Camanachd air na taghaidhean a dhèanamh airson ghrunn de na cupanan an seusan 2015.

Tòisichidh na Sgitheanaich an oidhirp Cupa a' Bhaile Mhòir a ghlèidheadh le turas sìos an rathad a dh'Eilean Bhòid.

Fhuair sinne beachd bho Iain Caimbeul a tha e fhèin a' cur taic ri Lòbhat agus e ag aideachadh gu bheil geama doirbh romhpa.