Raon-cluiche ann an Obhach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Muinntir Obhach a' coimhead air fearann a cheannach

6 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun coimhead muinntir Obhach san Eilean Dubh ri pìos fearainn a cheannach, agus mi-chinnt air nochdadh mu aonta ùr eadar an t-uachdaran agus Comhairle na Gàidhealtachd.

B'àbhaist dhan talamh air fad a bhith air mhàl aig a' choimhearsnachd airson dìreach not sa bhliadhna.

Ach tha Broadlands Properties a-nis airson sin atharrachadh gu mòr agus pàirt den talamh a chumail dhaibh fhèin.