Itealain ùra gan iarraidh

Thàinig iarrtas bho Chomataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar dhan chompanaidh Loganair plèanaichean ùra a chur air slighean nan eilean seach na Saab 340an a th' aca an-dràsta.

Thuirt an Comh. Dòmhnall Crichton gun robh an tubaist a thachair aig Port-adhair Steòrnabhaigh aig a' Bhliadhn Ùir a' sealltainn nach robh iad freagarrach agus gun robh iad a-nis a' fàs aosta.

Bha fear-labhairt do Loganair ag ràdh gu bheil iad a' cur an làn-taic ris an Saab 340 'son seirbheisean nan Eilean Siar.

Thuirt e gu bheil am plèana freagarrach dha-rìribh is gur e am modal as fheàrr de a leithid airson an t-seòrsa seirbheis a th' anns na h-eileanan.