Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Gearran 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Ugràin

Chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid gu bheil ceannardan na Frainge 's na Gearmailt a' siubhail a Khiev, prìomh bhaile na h-Ugràin an-diugh fhathast airson moladh ùr a chur air adhart ann an oidhirp an t-sabaid air taobh sear na dùthcha a thoirt gu ceann. Dh'fhoillsich an Ceann-suidhe Francois Hollande an naidheachd ann am Paras. Siubhlaidh an Ceann-suidhe Hollande agus Seansalai na Gearmailt Angela Merkel a Mhosgo a-màireach, às dèidh Ugràin fhàgail, 's iad a' dol a choinneachadh ri Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin.

An Stàit Ioslamach

Tha seann cheannard feachdan armaichte Bhreatainn, am Morair Dannet, air a ràdh gum bu chòir dhan Rìoghachd Aonaichte barrachd a dhèanamh san t-srì an aghaidh na buidhne an Stàit Ioslamach. Bha e a' bruidhinn an dèidh do chomataidh de Bhuill-Phàrlamaid air Comataidh Thaghte Dìon Thaigh nan Cumantan, a ràdh gum bu chòir do Bhreatainn a bhith nas deònaiche feachdan sònraichte 's dòcha, agus ionnsaighean adhair a chleachdadh mar phàirt den cho-bhanntachd eadar-nàiseanta. Thuirt am Morair Dannet gun robh e ceàrr fhàgail aig daoine eile dèiligeadh leis an trioblaid.

Tesco

Tha riaghladair còd nam bùithdean bìdhe a' dol a rannsachadh a bheil Tesco air a bhith cothromach ris an fheadhainn a tha a' toirt dhaibh a' bhìdh o chionn 18 mìosan. 'S ann an uair sin a chaidh an dreuchd a stèidheachadh an toiseach. Thòisich Christine Tacon air rannsachadh mar thoradh air fiosrachadh a fhuaireadh nuair a bha a' chompanaidh ag innse gun robh iad air prothaidean nas àirde a dhèanamh na rinn iad dha-rìribh.

Uairean Sgoile

Tha aon de chomhairlichean Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil e gu math ao-coltach gun tèid planaichean airson uairean sgoile a ghiorrachadh anns a' bhun-sgoil a chur an sàs, air sgàth aonta mhaoineachaidh ùir leis an Riaghaltas Albannach. Thuirt Maxine Smith gun robh iad mar thà air a' bhuidseat aontachadh airson na h-ath-bhliadha, ach nach robh mòran coltais ann gun coimheadadh iad a-rithist air uairean sgoile a lùghdachadh. Ach thuirt i gum feumadh iad sàbhalaidhean a dhèanamh, agus gum feumadh cuid de na gearraidhean sin tighinn o bhuidseat an fhoghlaim.

EE & BT

Tha BT air tighinn gu aonta a' chompanaidh fònaichean-làimhe as motha anns an Rìoghachd Aonaichte, EE a cheannach. Seo bho Deutsche Telekom agus Orange. Feumaidh luchd-earrainnean BT ge-tà, an taic a chur ris an aonta luach £12.5bn.