Biadh agus deoch nan Eilean gam margaidheachd

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha cliù sònraichte aig marag-dhubh Steòrnabhaigh.

Thèid £52,000 a chosg air iomairt mhàrgaidheachd ùr a bhios ag amas air tuilleadh luchd-turais a thaladh dha na h-Eileanan Siar.

'S e VisitScotland a tha air cùl na h-iomairt, a tha mar phàirt de Bhliadhna a' Bhìdhe agus na Dìbhe a tha ga comharrachadh air feadh na dùthcha.

Thuirt Manaidsear nan Eilean Siar aig VisitScotland, Ailean MacCoinnich, gur e seo an iomairt as motha aca den bhliadhna 's iad ag amas air luchd-turais a thàladh bhon Ghiblean air adhart.

"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn air foillseachadh do dhaoine dè na tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh anns na h-Eileanan," thuirt e.

Bliadhna a' Bhìdhe agus na Dibhe

Bidh biadh agus deoch nan Eilean gu h-àraidh gan cur fa chomhair dhaoine.

"Tha sinn a' feuchainn ri chur romhpa na tha ri bhlasad agus na tha ri fhaicinn bho mhuir agus tìr agus gum faigh iad air a bhith a' tighinn chun nan Eileanan le sin nan inntinn".

Bidh VisitScotland ag obair ann an co-bhuinn le Comhairle nan Eilean Siar.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh