Sgioblachadh an dèidh nan stoirmean

Gearradh chraobhan
Image caption Tha dùil gum mair an obair air fad, eadar Gleann Comhann agus Inbhir Nis, suas ri 20 bliadhna.

Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh gun dèan iad an dìcheall gus nach toir obair-sgioblachaidh ri taobh an A82 an t-seachdain seo buaidh ro mhòr air luchd-siubhail.

Feumar an obair a dhèanamh an dèidh mar a thuit an t-uabhas chraobhan ann an stoirmean mòra bho chionn ghoirid.

Tha cuid de na craobhan nan laighe ann an suidheachaidhean cunnartach, agus tha Coimisean na Coilltearachd an ceann na h-obrach gus dèiligeadh riutha.

Thòisich an obair an t-seachdain seo air pìos den rathad ri taobh Loch Lòchaidh, agus tha bacadh air an rathad ri linn.

15-20 bliadhna

Tha nàdar na h-obrach a' toirt air diofar bhuidhnean obrachadh còmhla.

"Tha e air a bhith caran toinnte a chur air dòigh dhan sgioba againn," thuirt ceannard na sgioba, Ailig MacLeòid.

"Pàirt dheth, 's e gum b' fheudar dhuinn gnothaichean a chur air dòigh airson trafaig air an rathad.

"Tha againn cuideachd ri luchd-obrach dhan urrainn an obair a dhèanamh fhastadh - agus gu dearbha tha iadsan gu math math trang an-dràsta a' sgioblaachadh ann an sgìrean eile air an tug a' ghaoth mhòr buaidh.

"A thuilleadh air sin, tha duilgheadas ann leis gu bheil cuid de na craobhan gu math faisg air loidhne-dealain.

"Mar sin dheth, feumaidh an luchd-obrach againn bruidhinn ri Scottish and Southern Energy mus urrainn dhuinn obair a dhèanamh gu sàbhailte san sgìre sin," thuirt e.

Tha dùil gum bi an obair ri taobh Loch Lòchaidh deiseil ro dheireadh na seachdain.

Ach tha Comisean na Coilltearachd ag ràdh gum mair an obair air fad, eadar Gleann Comhann agus Inbhir Nis, eadar 15 agus 20 bliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile